Leabhar mòr nan trèanaichean beaga #gaidhlig

Tha leabhar sgoinneil ùr air tighinn a-mach le fios mun a h-uile meanbh-rathad-iarainn ann am Breatainn is Èireann: Miniature Railways of Great Britain & Ireland le Peter Bryant agus Dave Holroyde (Platform 5, £14.95). 

Tha fios ann mu càite bheil gach loidhne, dè cho fada sa tha i (feumail airson Railmiles), dè an cruth sa bheil i (m.e. cearcall no ceann ri ceann no cruth 8), dè a’ ghèidse a th’ ann, cuine a chaidh a stèidheachadh agus mar sin air adhart. Tha paragraf de theacsa ann mu gach rathad-iarainn cuideachd.

Tha gu leòr leabhraichean ann mu rathaidean-iarainn glèidhte a tha gèidse-choitcheann no caol-ghèidse ach seo a’ chiad fhear chunbhalach mu mheanbh rathaidean-iarainn.

Mholainn gu mòr e.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s