A’ dì-moladh Beinn Borin’: Glaschu – An Gearasdan – Malaig #gaidhlig

Tha an latha mòr a’ tighinn faisg – tha mi gu bhith a’ sreap Beinn Nibheis a-màireach gus cuirm-ciùil le Mike Peters aig an Alarm/Big Country fhaicinn agus gus airgead a chruinneachadh airson an Love, Hope and Strength Foundation.

Ach an-diugh, tha mi air an t-slighe dhan Ghearasdan airson consart àbhaisteach le Mike Peters agus Bruce is Jamie Watson aig Big Country.

Thòisich cùisean ann an Sràid na Banrighinn aig 8.30. Thathar ag ràdh gum faic thu cuideigin as aithne dhut ma bhios tu ann an Stèisean a’ Mheadhain airson leth-uair a thìde. Feumaidh gu bheil e fìor ann an Sràid na Banrighinn cuideachd oir chunnaic mi dithis a b’ aithne dhomh fhad’s a bha mi a’ feitheimh ris an trèana – cuideigin a b’ àithne dhomh bhon BhBC an Glaschu agus Dòmhnall MacNèill aig CnaG. Bha deagh chòmhradh agam le Dòmhnall mu Mhointeach Raineach.

Is toil leam a bhith a’ siubhal air na trèanaichean gu Inbhir Nis agus air loidhne na Gàidhealtachd an iar oir bidh mi tric a’ cluinntinn Gàidhlig ga bruidhinn – uaireannan le daoine nach aithne dhomh.

Air an trèana seo chunnaic mi mo charaid Tim Armstrong aig Sabhal Mòr Ostaig. Às dèidh deagh chòmhradh, thug e dhomh lethbhreac de phàipear sgoinneil a bha e air toirt seachad aig rannsachadh na Gàidhlig – A’ Ghàidhlig mar Chànan Lìonraidh anns an Aona Linn air Fhichead.  ‘S e deagh phàipear a bh’ ann agus ionnsaich mi beagan fhaclan ùra cuideachd – agallaiche (interviewee), càileachdail (qualitative) agus àireamhach (quantitative). Sgoinneil – cleachdaidh mi iad sin nam chuid obair eadar-theangachaidh bho seo a-mach. Taing mhòr Tim!

Tim agus Alasdair air trèana a’ Ghearasdain

Air an t-slighe, chaidh sinn seachad air Beinn Dobhrain. Thug e orm smaoineachadh mun òrain ud a sgrìobh Donnchadh Bàn – am bàrd Gàidhlig a bu dorannaiche riamh – nas miosa na bàrdachd nan Vogon nam bheachdsa.

‘S e Rolling Stones bàrdachd Ghàidhlig an ochdamh linn deug a bh’ ann an Alasdair MacMhaighstir Alasdair ach cha robh ann an Donnchadh Bàn ach na Beatles no nas miosa – Herman’s Hermits no Gerry and the Pacemakers.

Agus chan eil Beinn Dobhrain fhèin cho math sin nas motha – tha e maol is boring: Phil Collins nam beann!

Seo an fhreagairt agam do Dhonnchadh còir:

A’ Dì-moladh Beinn Borin’

An t-urram thar gach beinn?

Aidh, mas fhìor.

Beinn Dobhrain / Beinn Borin’

Cha robh a h-uile rud cho boring ri bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin ge-tà. Chunnaic mi loco a chaidh far na rèile eadar Coire Odhar agus Tulach bho chionn dà mhìos. Tha e ann an àite cho iomallach is gu bheil e coltach gum bi aca ri fhàgail an sin gu bràth no ri a ghearradh ann am pìosan beaga agus a thoirt air falbh air an trèana.

Treigte ann an Loch Trèig!

Bha uair no dhà agam ri cur seachad anns a’ Ghearasdan agus chunnaic mi action trèanach gu leòr le trèana smùid an Jacobite agus clas 37 rim faicinn san stèisean. ‘S e na 37s na locothan as fheàrr le cha mhòr a h-uile duine a tha deidheil air rathaidean-iarainn. Tha iad cuideachd cho Gàidhealach ris a’ chrodh oir chaidh an cleachdadh air loidhne a’ Chaoil is loidhne na Gàidhealtachd an Iar fad iomadh bliadhna agus tha iad fhathast a’ dol ged a tha iad a-nis mu 50 bliadhna a dh’aois.

An t-urram thar gach loco – clas 37, Monarc nan Gleann!

Gu dearbha, bha na 37s na b’ fheàrr na na trèanaichean a thàinig às an dèidh. Air loidhne na Gàidhealtachd an iar, thathar a-nis a’ cleachdadh càraichean-rèile a chaidh a dhealbhadh airson seirbheisean suburbach agus a tha ro bheag, ro spartach agus anns nach eil rùm gu leòr airson bagaichean is a leithid.

An uair sin, chaidh mi air cuairt sa bhaile agus thog mi dealbhan de shoidhnichean Gàidhlig gus cuir ris a’ mhapa air-loidhne aig Ainmean-àite na h-Alba. Sin agad mar a tha beatha an anoraig!

Bha tìde ann an uair sin airson splaoid gu Malaig is air ais mus deach mi gu consart air an oidhche le Mike Peters agus buill eile den Alarm – Smiley agus James Stevenson cho math ri Bruce is Jamie Watson aig Big Country agus Derek Forbes aig Simple Minds. Bha deagh oidhche againn agus aig deireadh na h-oidhche, choisich a h-uile duine le coinnlean gu seann chaisteal Inbhir Lòchaidh far an do chluich iad òran no dà eile san dorchadas – bhean seo gu mòr ri mo chridhe agus ris a’ chride aig a h-uile duine a bha an làthair.

Agus mar a thachair cuisean, bha an talla-consairt ri taobh seada einnsein a’ Ghearasdain agus bha cothrom agam dealbh no dhà a thogail de na trèanaichean smuid!

Loco smuid ann am Malaig

An uair sin, chaidh sinn uile dhan leabaidh meadhanach tràth gus am biomaid deiseil airson an latha mhòir a bha a’ tighinn.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri A’ dì-moladh Beinn Borin’: Glaschu – An Gearasdan – Malaig #gaidhlig

  1. Thuirt Thrissel:

    Dè seòrsa teacsaichean Beatles a tha thu a’ ciallachadh – “Tha gràdh aice ort, Dheth Dheth Dheth”, “Chaochail Eleanor Rigby san eaglais agus chaidh a tìodhlacadh còmhla ris a h-ainm” no “Is mise esan mar is tusa esan mar is tusa mise agus tha sinn uile gu lèir”?🙂

    'S toil

    • Feumaidh mi aideachadh nach toil leam rud sam bith a rinn na Beatles! Rinn iad torr diofar stoidhlichean ach is beag orm a h-uile staidhle a bh aca!! Is fheàrr leam na Stones agus an Who – rinn iad roc ach rinn na Beatles pop bog!

      'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s