Bho Bheinn Nibheis gu Taigh-tasgaidh nam Bus-tràilidh #gaidhlig #trolleybus

Abair deireadh sheachdain mhòr!

Chaidh mi dhan Ghearasdan/Malaig air an trèana Dihaoine gus gig fhaicinn le Mike Peters agus buill eile den Alarm is Big Country agus cuideachd de Simple Minds – an Celtic Supergroup mar a bh’ aig Mike fhèin air.

Agus Disathairne, shreap mi Beinn Nibheis còmhla ri Mike Peters is 200 luchd-leantainn aig an Alarm is Big Country gus airgead a thogail airson carthannais. A’ tòiseachadh aig 5m, ràinig sinn am mullach aig 8.30m agus bha cuirm-ciùil goirid air mullach na beinne.

Alasdair le Mike Peters

 

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol dhachaigh air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar a-rithist: 4.5 uairean a thìde de spòrs!

A’ feitheamh ri trèana an Òbain, a’ Chrìon-làraich

An-dràsta, tha mi nam shuidhe air an trèana eadar Glaschu is Doncaster airson a dhol gu Taigh-tasgaidh nàiseanta nam Bus-tràilidh. Tha mi gu math excited oir bha ùidh mhòr agam riamh ann am busaichean-tràilidh agus is e seo a’ chiad turas a bhios cothrom agam a dhol air fear. Ma tha mi fortanach, chì mi bus-tràilidh Ghlaschu.

Air m’ ipod: It Bites – Map of the Past (2012) , 6/10. Mìltean rèile am-bliadhna gu ruige seo: 12,000.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s