Catwoman ann an Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gaidhlig #trolleybuses

Cha do thòisich an latha mòr agam gu math – a’ chiad turas agam gu taigh-tasgaidh nam busaichean-tràilidh. 

Cha deach an alarm agam dheth idir agus chaidh mo dhùsgadh aig 06.15 leis a’ fòn a bha ag innse dhomh gun robh an tagsaidh agam a’ feitheamh rium taobh a-muigh an taighe. Cha robh sin na dheagh thoiseach tòiseachaidh ach air an làimh eile, tha mi a-nis air dearbhadh gun urrainn dhomh dùsgadh, cur umam agus a bhith a-mach às an taigh taobh a-muigh 3.5 mionaidean!

Fhuair mi gu Stèisean a’ Mheadhain ann an deagh àm airson an 06:50 gu Doncaster a dh’aindeoin sin. Ri mo thaobh air an trèana bha boireannach laghach a bha air a bhith na clippie air tramaichean Ghlaschu air ais anns na 50an agus aig an robh deagh chuimhne an dà chuid air tramaichean agus air busaichean-tràilidh!

Nuair a ràinig mi Doncaster, chaidh mi a-steach gu Doncaster Exchange – stèisean nam busaichean agus abair gu bheil e mòr. Tha e nas motha na stèiseanan nam busaichean ann an Glaschu agus Dùn Èideann is Obar Dheadhain uile air an cur còmhla.

Gu mì-fhortanach, tha stèisean nam busaichean agus meadhan a’ bhaile san fharsaingeachd gu math coltach ri Comar nan Allt.

Co-dhiù, bha mi air chall gus am faca mi tòrr dhaoine neònach le bagaichean mòra coltach ri bagaichean sgoile agus camerathan mòra. `”Eil sibh a dol gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh” dh’fhaighnich mi “O tha, arsa iad – ach ciamar idir a bha fhios agad?”.  Car coltach ris a’ ghaydar a th’ aig cuid, tha rèidear-transpotter agam nach eil ceàrr uair sam bith!

An uair sin, thàinig seann bhus Lunnainn gus ar toirt eadar Doncaster agus Sandtoft, Lincolnshire a Tuath. Chan eil coltas ro mhath air baile Doncaster feumaidh mi ràdh agus nuair a raining sinn an sgìre dhùthail taobh a-muigh a’ bhaile, ged a bha e uaine is nàdarra gu leòr, bha e cho fìor chòmhnard is gun do dh’fhàs mi gu math bored taobh a-staigh còig mionaidean. Tha e gu math eadar-dhealaichte bho Loidhne na Gàidhealtachd an Iar an t-seachdain sa chaidh!

 

Feithidh tu cha mhòr 50 bliadhna airson bus-trailidh Lunnainn agus thig trì aig an aon àm!

Ach cha robh mi ann airson seallaidhean brèagha fhaicinn ach airson rud tòrr mòr nas cudromaiche – busaichean-tràilidh.

Chaidh Sandtoft Trolleybus Museum a stèidheachadh aig deireadh nan 1960an nuair a bha a’ mhòr-chuid de na siostaman bus-tràilidh air dùnadh mar-thà is nuair nach robh ach bliadhna no dhà air fhàgail gus an dùnadh an siostam mu dheireadh.

Thog iad cearcall de dh’os-cionn (overhead) tràilidh ann agus faodar a dhol air cuairtean goirid air na busaichean-t.

Is e latha sònraichte le busaichean-tràilidh Lunnainn a bh’ ann agus bha trì busaichean-t Lunnainn a’ ruith. Cha robh am bus-tràilidh à Glaschu a’ ruith gu mì-fhortanach ach fhuair mi cothrom fhaicinn is mar sin, bha mi toilichte gu leòr.

Bha deagh latha agam agus chuir e iongnadh gu sònraichte cho fìor, fìor shàmhach sa tha na busaichean-tràilidh is cho luath sa bha iad air luathachadh. Is beag an t-iongnadh gur e “an silent death” a bh’ aig muinntir Ghlaschu orra.

An aon rud a bha neònach mun latha, sin gun robh boireannach òg ann air an robh coltas Anne Hathaway – Catwoman anns an fhilm Batman as ùire. Dè cho neònach sa tha sin – boireannach òg brèagha aig a bheil ùidh ann am busaichean-tràilidh!

An uair sin, chaidh mi air ais gu Doncaster agus ionnsaich mi leasan cudromach – chan eil dad fosgailte ann an Doncaster air latha-saor banca. Ràinig mi am baile aig 4.35pm ach bha a h-uile bùth a lorg mi ann am meadhan a’ bhaile dùinte agus thug e ùine mhòr mus do lorg mi àite sam bith a bha a’ reic biadh. Chan eil fiù ‘s Comar nan Allt cho dona sin!

Air m’ ipod: The Alarm: Strength (7/10), Declaration (10/10), Guerrilla Tactics (7/10), Tan (9/10), In the Poppy Fields (8/10), In the Eye of the Hurricane (7/10).

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s