Mac dìolain Keith Richards air loidhne na Gàidhealtachd an Iar! #gaidhlig #pcsunion #danbaird

Tha mi air Rathad-iarainn nan Eilean a-rithist airson coinneamh san Eilean Sgitheanach. Chan ann mu thrèanaichean a tha a’ smaoineachadh an-dràsta, ge-tà ach air ceòl.

Nuair a dh’èisteas mi ri clàr no còmhlan sònraichte, bidh e daonnan a’ toirt orm smaoineachadh air na rudan a bha mi ris nuair a bhithinn ag èisteachd ris san àm a dh’fhalbh.

An-diugh, tha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn – agus ag èisteachd ri – Dan Baird (a bha sna Georgia Satellites) oir dh’èist mi ris a’ chlàr beò Feels go Good a’ chiad turas a chaidh mi air an loidhne seo. A rèir Classic Rock, ‘s e “am mac dìolain aig Keith Richards (Rollling Stones) is Francis Rossi (Status Quo)” a th’ ann an Dan Baird – mìneachadh gu math iomchaidh oir tha e ri roc boogie a th’ aige a tha na mheasgachadh de Status Quo agus AC/DC le beagan Lynyrd Skynyrd cuideachd. Bha mi an làthair aig a’ chonsart theth fhallasach far an deach a chlàradh an 2004 cuideachd.

Tha e gu math iomchaidh a bhith ag èisteachd ri southern boogie air an t-slighe tro Shiorrachd Dhùn Bhreatann an Iar airson adhbhar air choireigin!

Agus tha e math cuideachd gu bheil tòrr shoidhnichean dà-chànanach ùra air a dhol suas air agus loidhne Cnoc Màiri is loidhne Bhaile Eilidh.

Soidhne dà-chànanach ùr aig Baile Eilidh Àrd

Bha e fortanach nach deach loidhne na Gàidhealtachd an Iar a dhùnadh le Beeching (tuiteam gun èirigh air agus leac air a bheul!) ach ged a tha e math gu bheil i fhathast ann – agus cho trang sa bha i riamh –  chaidh tòrr rathaidean-iarainn eile air a’ Ghàidhealtachd a bhiodh gu math feumail an-diugh a chall.

Airson a dhol gu Mallaig/An Gearastan/An t-Òban o Pheairt no Inbhir Nis, feumaidh tu a dhol gu Glaschu an tòiseach. Mar as trice, tha e nas fhasa is nas luaithe a bhith a’ dràibheadh. Uair, ge-tà, bha loidhne ann a bha a’ ceangal a’ Chrìon-làraich leis a’ chòrr de Shiorrachd Pheairt – Cill Fhinn, Dùn Bhlàthain, Craoibh agus Peairt am measg àiteachan eile.

Nis, chaidh cuisean rèidh gu leòr air an turas seo gus an d’ ràinig mi an Gearasdan. Chaidh mi far na trèana gus dealbh no dhà a thogail san stèisean oir bidh an trèana a’ fuireach ann fad 5 mionaidean. Fhad’s a bha mi far na trèana, chaidh mu 100 duine air bòrd a bha air turas bus agus a bha a’ dol a Mhalaig.

Clas 67, An Gearastan (dìreach mus do dh’fheuch bodach grod ris an t-suideachan agam a ghoid!)

Nuair a thàinig mi air ais dhan t-suidheachan agam, bha bodach ann a thuirt “chan urrainn dhut suidhe an-sin!”

“Carson?” Arsa mise.

“Chan e do suidheachan a th’ ann!”

“‘S e!” Arsa mise – ” tha reservation agam air a shon agus tha mi air a bhith a’ suidhe ann bho Ghlaschu. Seall – coidse A, suidheachan 17b agus tiocaid ag ràdh coidse A, suidheachan 17b”

“Chan eil reservation agad agus chan eil thu air a bhith a’ suidhe ann bho Ghlaschu idir!  

“Ach tha an stuth agam air a’ bhòrd. Agus tha an suidheachan blàth fhathast!”

“You can’t just put your stuff down like at a table to pretend you’ve been on the train since Glasgow so you can take other people’s seats!. I’m going to get my tour guide!. (ag èibheachd): “TOUR GUIDE!”

An treòraiche (ann an staidhle saighdear Gearmailteach on Great Escape) “cà’l an tiocaid agad agus an reservation agad.”

Às dèidh dhi mion-sgrùdadh a dhèanamh air an tiocaid is reservation (ged nach robh i ag obair do ScotRail co-dhiù,) ghèill i. Ach chùm am bodach grod a dol fad 5 mionaidean eile agus e a’ fàs gu math feargach. Mu dheireadh thall, dh’fhalbh e gus suidheachan eile a lorg – gu droch nàdarrach.

Tha e doirbh creidsinn uaireannan cho mì-mhodhail grod a tha cuid. Ach an rud as fheàrr, bha mi gu tùr reusanta agus cha do thog mi mo ghuth idir. Cò am broc! Nan robh e ag iarraidh trod ri cuideigin, thagh e am fear ceàrr oir tha am broc ann an cor sunndach ciùin an-diugh.

Gu mì-fhortanach, ge-tà, ged a fhuair mi an suidheachan agam air ais, bha am bodach dìreach trì sreathan air falbh, agus e a’ toirt droch shùil orm fad na slighe gu Malaig!

Ach bha mi cho sunndach is nach do chuir e dragh orm nuair a thòisich am fear a bha mu mo choinneimh a ràdh cho dona sa bha na h-aonaidhean ciùird is gu sònraichte an t-aonadh agam fhèin – an t-aonadh as fheàrr – am PCS. “They’ve ruined our cantry”.  An uair sin, thòisich e air ràdh cho math sa bha cumhachd niuclasach agus mar sin, chuir mi an t-ipod orm a-rithist gu h-àrd leis an Alarm gus an Jeremy Clarkston seo a dhùnadh a-mach!

Chaidh mi air a’ bhàta-aiseig ann am Malaig agus thachair rud mìorbhaileach ùr –  chunnaic mi dithis den aon aois rium nach b’ aithne dhomh a’ bruidhinn ri chèile anns a’ Ghàidhlig. Chan an tric a chì thu sin. Math fhèin!

Bidh mi a’ dol dhachaidh on Eilean an taobh eile tron Chaol. Bha mi a’ bruidhinn ris a’ ghaisgeach Ghàidhlig Dòmhnall Màrtainn an-diugh agus dh’innse e gun robh a nephew na dhràibhear trèana air loidhne a’ Chaoil. Abair beatha!

Càite am faigh mi foirm iarrtais?

An trèana: 156 499, 156 492

Air m’ ipod: Dan Baird & Homemade Sin: Feels Go Good (beò), 10/10, The Clash London’s Calling  8/10, The Alarm Tan 9/10, the Alarm Declaration 10/10.

Miltean rèile gu ruige seo am-bliadhna: 12,795m

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Mac dìolain Keith Richards air loidhne na Gàidhealtachd an Iar! #gaidhlig #pcsunion #danbaird

  1. Thuirt Gun urra:

    Chaneil am no aite nach fhaidh thu burraidh-amadan gun iarraidh.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s