Aimhreit an èisg – Loidhne a’ Chaoil #gaidhlig #reile

‘S e loidhne air leth a th’ ann an Loidhne a’ Chaoil no Loidhne an Eilean Sgitheanaich.

Chaidh a togail ann an dà earrann – Inbhir Pheofharain gu Port an t-Sròim (1870) agus an uair sin Port an t-Sròim gu Caol Loch Aillse (1897). Bha an obair togail faisg air a’ Chaol fhèin air leth fhèin cosgail oir bha aca ri dhol tro chlach chruaidh agus b’ e seo an rathad-iarainn as cosgaile a bha air a thogail san dùthaich gu ruige sin.

Stèisean a’ Chaoil

Dh’fheuch am Dr Olc Beeching (tuiteam gun èirigh air is leac air a bheul) ris an Rathad-iarainn a dhùnadh sna 1960an agus dh’fheuch BR a-rithist anns na 1970an ach tha an loidhne fhathast ann agus tha buidheann ann a tha ag obair gus a leasachadh is a neartachadh – Càirdean Loidhne a’ Chaoil.

Tha bùth agus taigh-tasgaidh aig a’ bhuidhinn ann an stèisean a’ Chaoil agus thàinig riochdaire bho na Càirdean air bòrd gus innse dhuinn mun loidhne agus gus rudan a reic ruinn gus airgead a thogail. Fhuair mi teisteanas a’ dearbhadh gun deach mi air an loidhne!

Tha fios gum bi an teisteanas seo nas fheumaile na an ceum oilthigh a th’ agam ann an Sòiseolas is Eachdraidh na h-Alba!

 Tha Port an t-Sròim gu math ainmeil ann an saoghal nan rathaidean-iarainn a chionn ’s gun robh aimhreit ann an 1883 nuair a dh’fheuch còrr is 200 iasgairean ri stad a chur air trèana a bha a’ feuchainn ri èisg a lìbhrigeadh air Didòmhnaich. Chaidh 10 a chur dhan phrìosan às dèidh na h-aimhreit. Tha beagan mu dheidhinn seo air làrach-lìn Am Baile.

Mo cho-obraiche Eilean Green aig MG Alba agus clas 158 a’ dol seachad ann an Srath Carann.

Gu fortanach, ge-tà, bha cuisean sàmhach air an t-slighe tron bhaile an-diugh (Diciadain a bh’ ann co-dhiù) agus chan fhacas sgeul air iasgair feargach sam bith!

Tha soidhnichean Gàidhlig ùra air tòiseachadh a dhol suas air an loidhne cuideachd.

82 mìle de dheagh sheallaidhean agus cha do chosg e ach £15.10. Abair bargan!

An trèana: 158 704

Air m’ ipod: The Alarm – Declaration (10/10)

Mìltean rèile am-bliadhna gu ruige seo: 13110m 04s

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s