Fichead bliadhna a’ fàs: KFRPS #gaidhlig @kfrps

Tha gu leòr rathaidean-iarainn glèidhte ann an Alba a tha mòr is cliùiteach mar Bo’ness is Ceann Fhail, Caledonian Railway Brechin is an Srath Spè is mar sin air adhart ach tha fear beag ann am Fiobh nach cluinnear mòran mu dheidhinn nach eil fosgailte ach turas no dhà sa bhliadhna ach a tha fìor mhath.

Seo Comann Glèidhteachas Rèile Rìoghachd Fhìobha (KFRPS) ann an Garadh Rèile Kirklands ann an Inbhir Lìobhann (Leven).

Chùm iad latha fosgailte an-dè gus an 20mh ceann bliadhna aig a’ bhuidhinn a chomharrachadh agus chaidh mi fhèin agus mo nighean bheag Ciorstag ann gus faicinn cò ris a bhiodh e coltach.

 

KFRPS, Inbhir Lìobhann

Ma thèid thu air Bo’ness no an Caledonian no an Srath Spè, chì thu trèanaichean glan, spaideil ar deagh trac agus feumaidh tu fuireach air an àrd-ùrlar is air falbh bhon trac is bho na h-einnseanan.

Tha an KFRPS gu math eadar-dhealaichte chan eil an trac ro dhìreach no ro chomhnard agus tha feur a’ fàs troimhe agus tha an loidhne uile a’ ruith tro thalamh fàs. Tha e coltach ri rathad-iarainn a bhiodh aig an NCB ann am mèinne air choireigin le seann einnseanan is droch thrac agus tha cothrom agad an seada is na h-einnseanan fhaicinn thu fhèin.

 

Mar sin, tha iad a’ glèidheadh fìor eachdraidh nan rathaidean-iarainn mar a bha e an da-rìribh agus chan e dìreach saoghal nan trèanaichean spaideil gleansach mar a bha còir aca a bhith! Agus tha na saor-thoilich aig an loidhne air leth laghach is cuideachail cuideachd.

A rèir Ciorstaidh “cha robh mi air trèana mar seo riamh roimhe!” agus cha robh i idir ceàrr.

Mholainn an KFRPS gu mòr. Carson nach lean thu iad air Twitter @kfrps is air FB?

Tha an loidhne ghoirid aig KFRPS co-cheangailte ris an loidhne dùinte eadar Ceann-rèile Thornton a Tuath air a’ phrìomh loidhne eadar Dùn Èideann is Peairt. Ma tha ceartas sam bith, thèid an loidhne seo ath fhosgladh a-rithist mar phàirt den lìonra nàiseanta. Mur a tèid, tha mi an dòchas gun tèid an loidhne a ghabhail thairis le KFRPS.

Air m’ ipod: The Clash London’s Calling 9/10, The Clash Live from Here to Eternity 8/10.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s