Gu ifrinn no Scotstoun! #gaidhlig #smwglaschu #smwglasgow

Rinn mi rud Oidhche Haoine nach d’rinn mi riamh roimhe – chaidh mi gu geama rugbaidh: Glaschu an aghaidh Connacht.

Bha cothrom agam air tiocaidean fhaighinn tro MG Alba agus bha mi dìreach airson faighinn a-mach cò ris a bhiodh geama rugbaidh coltach oir, mar a chanadh m’ athair rium, “feuch a h-uile rud aon uair ach a-mhàin col agus dannsadh Gàidhealach”.

Thug mi leam Colin Hill, athair mo chèile, oir ‘s ann as na Crìochan a tha e agus tha e gu math dèidheil air rugbaidh. Dh’fheuch e ris na riaghailtean a mhìneachadh dhomh ach ged a chòrd an gnothach rium glan, feumaidh mi aideachadh nach robh mi a’ tuigsinn mòran!

Rinn Glaschu a’ chùis ach leis an fhirinn innse, mar Hibernophile à Glaschu, bha mo thaic ris an dà sgioba co-dhiù.

Tha sgioba Ghlaschu – the Glasgow Warriors – stèidhichte ann am Stadium Scotstoun agus tha rud sònraichte fhèin mu dheidhinn – tha rathad-iarainn dìreach air cùlaibh na pàirce!

Tha na Warriors dìreach ri taobh stèisean Scotstounhilll agus bidh trèanaichean dealain air “Loidhne Earra-Ghàidheil” air an lùb eadar Hyndland agus an Dail Mòr a’ dol seachad air gach beagan mhionaidean.

Ged a bha an rugbaidh math, cha robh e idir cho math ri bhith a’ coimhead air na 334an is 318an is 320an a’ dol seachad!

Gu mì-fhortanach, cha robh camara ceart agam gus dealbhan a thogail de na trèanaichean ach bha e math am faicinn co-dhiù.

Aon rud eile a bha inntinneach mun gheama, sin gun robh daoine gu leòr ann le Gàidhlig – chunnaic mi ceathrar a bh’aithne dhomh aig an robh i. Cha robh fhios agam gun robh rugbaidh idir cho mòr-chòrdte am measg nan Gàidheal. 

 Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s