Latha ann an Lancashire #gaidhlig #blackpool

Tha mi air an ath “thuras mòr rèile an t-saoghail” agam a chur air dòigh airson na h-ath mìos: Glaschu – Blackpool a Tuath agus an uair sin air tramaichean ùra a’ bhaile bho Blackpool gu Fleetwood is air ais agus an uair sin air an rathad-iarainn eadar Blackpool a deas agus Preston.

 

Ged a tha Blackpool ainmeil airson nan seann tramaichean, chaidh siostam tramaichean a’ bhaile ùrachadh bho chionn ghoirid agus a-nis tha tramaichean ùra, ùr-nodha ann a tha luath is spaideil mar an fheadhainn ann am Manchester, Nottingham, Croydon is Sheffield. 

Tha an siostam ag amas air muinntir Blackpool is Fleetwood mar siostam còmhdhail luath ceart seach rud a tha ann airson luchd-turais a-mhàin a tha dìreach airson a dhol eadar North Pier agus am Pleasure Beach.

Gu fortanach, chaidh cuid de na seann tramaichean a sgeadachadh is ùrachadh airson luchd-turais is mar sin, tha rudeigin ann airson a h-uile duine.

Bha mi ann am Blackpool aon turas roimhe airson a dhol air na seann tramaichean agus chòrd e rium glan. Tha mi a’ coimhead air adhart ri dhol air an fheadhainn ùra.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s