Riccarton – “Baile taibhseach” na h-Alba #gaidhlig #whra

An-dè rinn mi an rud a tha a h-uile balach beag ag iarraidh dèanamh:

Dhraibh mi trèana!

Chaidh mu dhan rathad-iarainn ghlèidhte ann an Whitrope, deas air Hamhaig/Hawick, anns na Crìochan. ‘S ann leis an WHRA (Waverley Route Heritage Association) a tha seo agus bha latha “driver for a fiver” aca.

Seo an t-each-iarainn a bh’ agam.

 

 

‘S e rathad-iarrainn beag sgoinneil seo. Chan eil e ach goirid – mu 500 slat gu ruige seo ach tha an obair air a dhèanamh gu ìre gu math gu math proifeiseanta agus tha planaichean mòra aig a’ bhuidhinn.

 

Aig an àm seo, tha stèisean aig WHRA Whitrope Sidings. Tha an WHRA ag amas air an rathad-iarainn ath thogail gu deas gu Ceann-rèile Riccarton. Choisich mi fhèin is mo charaid Alex an dà mhìle gu leth dhan bhaile.

Is e baile is stèisean gu math ainmeil a bh’ ann an Ceann-rèile Riccarton far an robh Loidhne a’ Waverley (gu Cumbria) agus am Borders Union Railway (gu Northumbria) a’ tighinn ri chèile. Tha e mu 65 mìle a deas air Dùn Èideann is 30 mìle a tuath air Carlisle.

Cha robh rathad ann gu Riccarton Junction agus bhiodh a h-uile rud agus a h-uile duine a’ tighinn is a’ falbh on bhaile air an trèana. Bha a h-uile teaghlach a bha a’ fuireach ann an Ceann-rèile Riccarton ag obair dhan rathad-iarainn agus bha Co-op is sgoil is eaglais ann gus am frithealadh.

Chrìonaich am baile mean air mhean nuair a dhùin am Borders Union agus le gearraidhean eile sna 50ann is 60an. Nuair a chaidh an Waverley (Dùn Èideann-Carlisle) a dhùnadh ann an 1969, dh’fhàg na daoine mu dheireadh am baile agus chan eil dad sam bith air fhàgail den bhaile a-nis ach aon bhothan air an àrd-ùrlar, taigh na sgoile (a tha na thaigh prìobhaideach a-nis) agus ballachan taigh maighstir an stèisein. Chan eil sgeul air na taighean a bh’ aig muinntir a’ baile.

Airson a dhol ann, feumaidh tu coiseachd ann air seall làrach na loidhne. ‘S e àite sàmhach aonaranach a th’ ann a-nis agus tha nàdar a’ gabhail thairis na loidhne mean air mhean.

Latha de na làithean, ge-tà, tha a h-uile coltas gun duisg am “baile-taibhseach” seo às a shuain aon uair eile is gun cluinnear trèanaichean a-rithist. An dòchas gum bi mise a’ draibheadh!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Riccarton – “Baile taibhseach” na h-Alba #gaidhlig #whra

  1. Thuirt Neil McRae:

    Fìor mhath Alasdair, tha mi-fhìn air mo bheò-ghlacadh leis an loidhne seo agus an loidhne Waverley air fad (‘s ann à Gala a tha mi). Choisich mi-fhìn is m’athair bho Whitrope a-null a Riccarton san Ògmhios, 2010, turas tiamhaidh is brìoghmhor a bh’ann. Cha chreid mi gun dèan a’ WHRA mòran ged-tà …

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s