Rathad-iarainn gu Rinn Friù? #gaidhlig #glaschu #braehead

Tha Derek MacAoidh ,BPA airson Taobh an Iar agus Taobh a Tuath Siorrachd Rinn Friù air iomairt a thòiseachadh gus an rathad-iarainn a thoirt air ais gu fear de na bailtean as motha ann an Alba nach eil ceangal rèile: Rinn Friù.

 http://www.paisleydailyexpress.co.uk/renfrewshire-news/local-news-in-renfrewshire/paisley-news/2012/09/13/msp-challenges-renfrewshire-council-to-back-renfrew-rail-link-87085-31821577/ 

Tha fear de na h-ionadan siopadaireachd as motha ann an Alba – Braehead – ri taobh rathad-iarainn bathair ach airson adhbhar air choireigin, cha deach seo ath fhosgladh do luchd-siubhail ged a chaidh na milleanan mòra a chosg air Brahead fhèin.

Mar sin, ged a tha na mìltean a’ dol gu Braehead gach latha, chuireadh e iongnadh mòr orm nam biodh fiù ‘s aon sa cheud a’ dol ann air còmhdhail phoblach.

Tha an rathad-iarainn goirid seo a’ frithealadh Deanside Transit. Tha seo a’ fàgail na loidhne eadar Glaschu Mheadhain is Pàislig Sràid MhicIlleMhòire aig Ceann-rèile Chair Dhòmhnaill eadar stèisean Chair Dhòmhnaill agus Hillington an Iar.

Bhiodh e math an rathad–iarainn fhaicinn air ais agus saoilidh mi gur e shuttle le trama no trèana-trama no trèana aotrom mar “Parry People Mover” bho Stèisean Chathair Dhòmhnaill a bhiodh a dhith airson loidhne ghoirid seo far am biodh seirbheisean tric ach goirid ann. Nam biodh e air a ruith mar slighe trama, b’ urrainn do na tramaichean a dhol nas fhaisg air Braehead fhèin is baile Rinn Friù cuideachd.

Tha e tàmailteach gu bheil Comhairle Baile Ghlaschu air an uiread de dh’ionadan siopadaireachd mòra ùra a thogail san fhichead bliadhna mu dheireadh gun cheangail rèile sam bith aca agus làn fhios aca gun cuireadh iad gu mòr ri trafaic is truailleadh– Parkhead Forge (ged a tha rathad-iarainn a’ dol seachad air an doras), the Fort (Easterhouse) agus a-nis Silverburn (Pollock). Tha busaichean ann, ceart gu leòr ach gus am bi trèanaichean no tramaichean no tràilidhean gam frithealadh, ‘s ann sa chàr a thig a’ mhòr-mhòr-chuid.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Rathad-iarainn gu Rinn Friù? #gaidhlig #glaschu #braehead

  1. Thuirt gary ferguson:

    tha mi ag aontachadh leat gu mor alasdair. s ann a rinn friu a bha m’athair is bha mi ag obair sa bhaile fad 16 bliadhnaichean, tha mi eolach air rathad a steisean sa bhaile, an ire mhath faisg air braehead.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s