Turas gu Dubh Linn! (1) Siân Lloyd agus Bùth na Drabastachd #gaidhlig #gaeilge #blackpool

Tha mi a’ dol dhan Dubh Linn an-diugh (22/10/12). Chan eil mi a’ ciallachadh Baile Àtha Cliath, ge-tà, ach Blackpool!

Ach tha fonn na Gaeilge orm an-diugh agus mi ag ionnsachadh na cànain aon uair eile – no a’ feuchainn ris co-dhiù! Mar sin, tha an leabhar Now your Talking agam.

“Tá mé go math go raibh maith agat agus tu féin!? An maith leat tramaí?”

Seo mo chiad turas aig trèana aig Transpennine Express agus ‘s e a chiad rud a mhothaich mi gu bheil plugaichean dealain aig gach bòrd. Mar sin, an àite a bhith a’ dol gu saoghal na Gaeilge leis an leabhar agam, tha mi a’ fuireach ann an Alba le tòrr mòr obair eadar-theangachaidh a th’ agam ri crìochnachadh airson an-earair!

Chaidh an turas (agus an t-eadar-theangachadh) gu luath agus ràinig sinn Sasainn aig mu 8.25. Dh’atharraich mi trèana ann am Preston. Is toil leam stèisean Preston. Cha robh mi ann ach aon uair roimhe ach chunnaic mi Siân Lloyd on TBh fhad’s a bha mi ann agus bha sin math oir tha Cuimris aice agus cha mhòr nach eil i cho ainmeil ri  Kirsteen NicDhòmhnaill!

 

Clas 57 “Thunderbird” ann am Preston, Lancs

Thàinig an trèana a-steach aig 10.21 agus choisich mi gu meadhan a’ bhaile. Air an t-slighe ann, chunnaic mi rud annasach nach robh ro tlachdmhor – bùth “adult” (bùth feise) le soidhne air an taobh a-muigh le “Please Leave Prams Outside”. Dè tha ceàrr air an dealbh sin? Dè seòrsa pàrant a bhiodh ag iarraidh bèibidhean a thoirt a-steach gu bùth mar sin, prama ann no às? “Seo rattle dhut a ghràidh. Nach cluich thu leis fhad’s a tha mi a’ leughadh Asian Babes Vol 6 is a’ coimhead tro na bhideoan drabasta.” Do-chreidsinneach!

Carson a rachadh duine gu bùth mar sin co-dhiù? Nach eil fhios aca gu bheil am Blackpool Tram Shop ann?

Clas 185 aig Stèisean Blackpool a Tuath (BPN)

Chaidh mi an uair sin gu àite nas fheàrr – a’ phromanaid far am faca mi a’ chiad trama ùr agam.

 

Trama Flexity, Central Pier

Ri leantainn….

Alasdair 

An turas air fad: DUM-GLC-PRE-BPN,  BPS-KKM– BPN, North Pier-Fleetwood Ferry-Starr Gate-North Pier air trama, BPN-PRE-GLC-MAX.

Air m’ ipod: The Jimi Hendrix Experince “Are You Experienced” (1967) 10/10, “Jimi Plays Monterrey” (1967) 10/10, Brezicki-Butler-Watson (Big Country gun Stuart)”In Our Name” (2008) 6/10.

Leabhar an lae: “Now Your Talking” (Cùrsa Gaeilge – tá mé ag foghlaim na Gaeilge arís!)

Mìltean rèile gu ruige seo am-bliadhna: 15,863

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s