Turas gu Blackpool (2) Gaeilge, BSL agus yo-yo-diet nan cànanan! #gaidhlig #gaeilge

Às dèidh dhomh siubhail eadar Glaschu agus Blackpool a Tuath (BPN), choisich mi gu stèisean Blackpool a Deas (BPS) gus am b’ urrainn dhomh a h-uile loidhne a-mach à Blackpool fheuchainn. Choisich mi sìos a’ Phromanaid a’ coimhead air na tramaichean ùra fhad ‘s a bha mi a’ dol.

Ma tha thu a’ dol gu Blackpool, thoir an aire, tha an stèisean a deas air leth doirbh a lorg. Aig Rathad an Stèisein, tha soidhne ann “To South Station” ach airson a lorg, feumaidh tu a dhol gu fìor cheann na sràide – far nach eil soidhne sam bith ann – agus ged a chì thu an rathad-iarainn air an làimh chlì, ‘s ann a dh’fheumas tu tionndadh air an làimh dheas agus coiseachd pìos eile mus faic thu sgeul air an stèisean!

 

Bha deagh thuras agam air Nodding Donkey (Clas 142) gu stèisean Kirkham is Wesham. Chan eil na Pacers no Nodding Donkeys againn ann an Alba idir ach tha iad gu math pailt agus gu math mì-chliùiteach ann an Sasainn. ‘S e a th’ annta ach busaichean-rèile gun ach ceithir cuibhle air gach carbad. Gu sìmplidh, chuir BR cuibhlichean rèile air busaichean gus airgead a chaomhnadh agus ged a bha iad gu math saor, nì iad fuaim eagallach agus bhiodh tu a cheart cho math a bhith a’ dol air an rollercoaster aig a’ Phleasure Beach na bhith a’ dol air Nodding Donkey.

 

Feumaidh mi ràdh gun do chòrd e rium, ge-tà, agus bha stiùiriche na trèana gu math laghach cuideachd. Mhothaich e gun robh mi nam anorag rèile agus bhruidhinn e rium mu eachdraidh nan rathaidean-iarainn ann am Blackpool agus Fleetwood.

Chaidh mi an uair sin airson tiops is cofaidh aig cafe air an t-sràid faisg air North Pier. Bha mi nam suidhe ann a’ leughadh Now Your Talking is ag obair air mo chuid Ghaeilige nuair a chuimhnich mi air an turas mu dheireadh a bha mi nam shuidhe aig an aon bhòrd bho chionn dà bhliadhna. Bha mi a’ leughadh Teach Yourself Esperanto agus choisich dithis seachad orm agus iad a’ bruidhinn an Esperanto!!

 

Bha mi a’ gabhail iongnadh an tachradh an aon rud a-rithist ach cha do thachair, ní chuala mé Gaeilge ar bith ACH shuidh ceathrar aig an ath bhòrd a bha a’ bruidhinn ann am BSL. Dè cho cool sa tha sin!

Nis, nuair a tha mi a-mach air Esperanto agus a’ Ghàidhlig eile, tha mi den bheachd gu bheil mi mar yo-yo–dieter cànain…  Bidh mi a’ deanamh oidhirp mhòr air mo chuid Esperanto no Gaeilge fad greiseag gach bliadhna no dhà is a’ fàs beò-ghlacte ach às dèidh beagan mhìosan, tha mi a’ call mo chuid mìsneachadh is a’ faireachainn dona mum deidhinn fhèin. A bheil buidheann taic ann airson mo leithid? Agus am bu chòir dhomh feuchainn ri Gaeilge fhoghlam go ceart no am bu chòir dhomh aithneachadh dhomh fhèin nach fhàs mi fileanta gu brath?

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s