Turas gu Dubh Linn! (3) – Cunnartan na Gàidhealtachd #gaidhlig #fleetwood #blackpool

Air an turas agam gu Blackpool, às dèidh cuairt air a’ phromanaid is beagan tiops, bha an t-àm ann a dhol air an trama – an t-adhbhar a thàinig mi.

Tha slighe-trama ainmeil a’ bhaile 11 mìle a dh’fhaid is i a’ dol bho Starr Gate ann an ceann a deas Blackpool gu baile Fleetwood.

 Chaidh an siostam ùrachadh thairis air na beagan bliadhnaichean a dh’fhalbh agus dh’fhosgail an siostam as ùr na bu thràithe am-bliadhna le tramaichean ùra agus bunstructair ath-nuadhaichte.

Gus an-uiridh, bha an siostam a’ ruith le seann tramaichean, a’ mhòr chuid dhiubh air an togail anns na 1930an agus ged a bha iad àlainn agus a’ còrdadh gu mòr ri luchd-turais, bha e doirbh an cumail a’ dol agus bha an trac is an t-os-cionn (overhead) ann am fìor dhroch staide.

Cuideachd, ged a bha na tramaichean a’ còrdadh gu mòr ri luchd-turais a bha airson a dhol suas is sìos a’ phromanaid, cha bhiodh muinntir an àite gan cleachdadh a chionn ‘s gun robh iad cho slaodach.

Air an dà adhbhar seo, bha ùrachadh a dhìth no bhiodh aig Corparaid Blackpool ris an t-siostam a dhùnadh.

Bha ùrachadh nan tramaichean caran connspaideach ach a rèir coltais, tha an siostam ùr air a bhith air leth soirbheachail. Tha na tramaichean ùra, a tha coltach ris na tramaichean ùra ann am Manchester, Nottingham no Dùn Èideann (!), a’ còrdadh ri muinntir an àite agus figearan an luchd-cleachdaidh air a dhol am meud gu mòr.

Chaidh beagan de na seann tramaichean a chumail is a sgeadachadh cuideachd airson seirbheisean do luchd-turais agus airson tursan de na h-illuminations is mar sin, tha an luchd-turais agus na tramoraks toilichte gu leòr cuideachd.

A’ tòiseachadh aig North Pier, chaidh mi suas an loidhne gu Fleetwood. Bha na tramaichean ùra luath agus comhfhurtail agus bha na stiùirichean trama (conductors) dìreach mar a bha iad air na seann tramaichean – cuideachail is gu math èibhinn.

Tha a’ mhòr-chuid den loidhne air a sgaradh bhon trafaig agus na tramaichean a’ ruith air slighe fa leth ach ann am Fleetwood fhèin, tha na tramaichean a’ ruith to na sràidean leis na càraichean is na busaichean mar a bhiodh na seann tramaichean ann an Glaschu is Dùn Èideann bho chionn fhada.

‘S e baile snog Bhictorianach a th’ ann am Fleetwood agus ‘s ann às a sin a gheibh thu am bàta-aiseag gu Knott’s End. B’ àbhaist bàta-aiseag gu Latharna ann an Èirinn a bhith a’ falbh às a seo cuideachd ach gu mì-fhortanach, thàinig na seirbheisean gu crìch an-uiridh.

Fleetwood Ferry

 

Tha tràigh mhath ann agus deagh shealladh de bhàgh Morcombe gu tuath. Tha tòrr obraichean-ealain ann cuideachd mu eachdraidh a’ bhaile agus gu h-àraid mun iasgach. Tha carragh-chuimhne ann airson bàtaichean-iasgaich à Fleetwood a chaidh fodha san 20mh linn. Chuir e iongnadh orm gun deach tòrr mòr aca sìos air a’ Ghàidhealtachd – faisg air Muile, Ìle, Barraigh, Hiort is eile.

 

Trama flexity ùr ann am Fleetwood

Chaidh mi an uair sin sìos an loidhne gu Starr Gate airson sùil a thoirt air depot ùr nan tramaichean mus deach mi dhachaidh.

 

Trama Flexity aig Starr Gate, ceann a deas siostam trama Blackpool

Deagh latha agus latha gu math saor cuideachd – cha do chosg e ach £13 a dhol gu Blackpool agus £14 airson a dhol dhachaigh.

Tha am baile gu math tacky ceart gu leòr ach còrdaidh e gu mòr ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn is tramaichean.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s