Spòrs airson nan sàr anarag! – Turas rèile Hunterston Tracker #gaidhlig #gaelic #rèile

Chaidh mi air turas-rèile sònraichte bho chionn goirid. B’ e seo an Hunterson Tracker eadar Bo’ness /Dùn Èideann agus meur-loidhne Hunterson ann an Siorrachd Air le cothroman cuideachd a dhol air tòrr pìosan beagan den lìonra air nach bi trèanaichean luchd-siubhail a’ dol mar as àbhaist.

‘S e turas airson sàr-anaragan a bha seo – brod nan trainspotter! Bha barrachd mapaichean aig daoine na th’ aig an t-Suirbhidh Òrdanais (OS) fhèin agus chunnaic mi camarathan is camarathan bhideo le “luach-sràide” de chòrr is billean not cho math ri “fìor leann” gu leòr airson Loch Laomainn a lìonadh. Agus abair gun robh gu leòr lèintean-t prog gu leòr air daoine. (Agus gu dearbha, bha lèine-t Pink Floyd “Animals” orm fhèin mar as còir!)

 

Dh’fhaighnich mo charaid Marc dhìom ro làimh cia mheud boireannach a bhiodh a’ dol air turas mar seo. “Cha bhi gin”, fhreagair mi ach ‘s ann a bha mi ceàrr. Chunnaic mi mu 5…  Bha e a’ cur nam chuimhne an turas a chunnaic mi Judas Priest ann an 2000 no mar sin anns na Barras. Bha na Barrowlands loma-làn ach chan fhaca mi ach aon bhoireannach….

Co- dhiù, Seo an seòrsa turais a th’ ann airson daoine a tha airson a dhol air a h-uile rathad-iarainn a th’ ann, beag no mòr. Bha daoine trang a’ cur highlighters air na mapaichean aca airson comharrachadh gun deach iad eadar ceann-rèile Hyndland a Tuath agus ceann-rèile Hyndland a Deas is a leithid.

B’ e am pàirt den turas a chòrd rium a bh’fheàrr an turas air an Glasgow City Union – an loidhne eadar ceann-rèile Shields is ceann-rèile Bellgrove. Ma tha thu eòlach air Glaschu, aithnichidh tu an rathad-iarainn seo. Tha e a’ dol thar Chluaidh air drochaid dhearg le caistealan beaga air gach taobh. Tha an seo drochaid an ear air Stèisean a’ Mheadhain faisg air Glasgow Green. Tha an rathad-iarainn an uair sin a’ dol seachad air St Enoch Centre agus air drochaid thairis air an t-Sràid Àrd is thairis air drochaid eile air Gallowgate faisg air an Tollbooth.

 

‘S e glè glè bheag de thrèanaichean a bhios a’ dol air an loidhne seo agus cha bhi trèana luchd-siubhail sam bith ga chleachdadh idir. Tha seallaidhean sgoinneil den bhaile rim faicinn air seo nach fhaic thu o àite sam bith eile.

Thathar an dòchas gun tèid an City Union a chleachdadh mar phàirt de Chrois-rèile Ghlaschu latha de na làithean ach chan eil e an sgeama air taic sam bith fhaighinn o Riaghaltas na h-Alba gu ruige seo.

Seo far an deach sin rè an latha:

Depart Bo’ness (about

06.30), Linlithgow (pick up 08.00), Haymarket West Jct., Edinburgh Suburban

Line, Niddrie West Jct., Edinburgh (pick up 09.00), Bathgate, Glasgow Queen

Street Low Level, Hyndland East Jct., Westerton, Craigendoran West Highland

Loop (rev), Yoker, Hyndland West Jct., Westerton, Craigendoran West

Highland Loop (rev), Dalmuir, Yoker, Glasgow Central Low Level, Rutherglen

North Jct., Larkfield Jct., Terminus Jct., Shields Jct., Brownhill Down

Passenger Loop, Kilwinning, Hunterston Jct., Hunterston Low Level (rev),

Hunterston Jct., (rev), Hunterston High Level, Hunterston Jct., Up Freight,

Dubbs Jct., Byrehill Jct., Barassie Down Passenger Loop (rev), Kilwinning,

Brownhill Up Passenger Loop, Shields West Jct., Up Through Terminus

‘Burma Road’, Terminus Jct., Muirhouse Central Jct., Cathcart, Muirhouse

North Jct., Glasgow Central High Level (rev), Bridge Street Jct., Through

Siding (Lye), Shields Road Jct., Chord Line, Shields Jct., Nº 1 Line (rev),

Shields Jct., Shields Road Jct., Bellgrove, Easterhouse, Sunnyside Jct., Mossend

Jcts., Holytown Jct., Shotts, Slateford Jct., Edinburgh Suburban Line, Niddrie

West Jct., Edinburgh (set down about 20.00), Haymarket West Jct., Newbridge

Jct., Linlithgow (about 20.30), Polmont Jct. (rev), Bo’ness Jct. (rev), Manuel

Exchange Siding (rev), Bo’ness (arrive about 22.00)

 

Abair latha mòr fada. Chòrd e rium glan.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s