Tha mi fhèin is Jenny an dùil ri leanabh san Chèitean an ath-bhliadhna. ‘S e fìor dheagh naidheachd a tha seo agus tha sinn air ar dòigh glan ach tha seo a’ ciallachadh nach bi tìde no airgead gu leòr agam airson mòran tursan rèile mòra an t-saoghail airson beagan bhliadhnaichean.
Mar sin, tha mi a’ planadh uber turas rèile – rudeigin gu math fada air falbh is gu math eadar-dhealaichte gus crìoch a chur air an t-sreath seo de thursan: turas gu Isle of Wight ann an ceann a deas Shasainn.
Carson an Isle of Wight? Tha e mar seo: tha rathad-iarainn 9 mìle a dh’fhaid air an eilean a tha mar phàirt den lìonra nàiseanta ach chan eil e na rathad-iarainn àbhaisteach. Tha e air a ruith le seann trèanaichean tiub à Underground Lunnainn. Chaidh na trèanaichean seo a thogail ann an 1938 agus tha iad fhathast a’ ruith gu math. Tha e sgoinneil seann trèanaichean tiub fhaicinn is iad a’ ruith ri taobh na tràighe air an dùthaich an àite a bhith ann an tunailean fon bhaile mhòr.
Tha an rathad-iarainn a ruith eadar Ryde Pier Head agus Shanklin air costa an ear an eilein.
Fhad’s a bhios mi ann, bidh mi ag èisteachd ri ceòl bho Fhèis Eilean Wight 1970: Hendrix, the Doors, Rory Gallagher is eile. Abair ceòl, abair trèanaichean!
Airson a dhol ann, dh’fheumainn a dhol gu Lunnainn agus an uair sin gu Portsmouth is Southsea airson a dhol dhan eilean. Agus bidh mi a’ dol dhan eilean air bàta-foluaimein (hovercraft), rud a tha air a bhith air an liosta bucaid agam bho chionn fhada.
Chanainn gun dèan mi rudeigin mar 1,000 mìle rèile air an turas seo. Cò am broc!
Alasdair
An turas: DUM-GLC-EUS, EUS-WOL (London Underground), WAT-PMS, Southsea-Ryde (air bàta-foluaimein), RYP-SHN.
Cha robh fios agam idir mu na tiubaichean air an Isle of Wight – abair treat dhut!
Turas math dhut nuair a bhios e ann, agus mealaibh ur naidheachd cuideachd!
'S toil'S toil