O Chanàl Phàislig dhan Bhruiseal #gaidhlig #gaelic #gaelg #manx

Tha tòrr rudan inntinneach a’ tachairt ann an saoghal rèile a’ bhruic an-dràsta.

Tha an loidhne agam, loidhne Canàl Phàislig a-nis air a dhealanachadh (electrified) agus tha  am Platapus Mall (trèana Canàl Phàislig) a-nis air a dhol na Phlatapus Dealanach! Tha seo an dà chuid uaine is luath agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris na trèanaichean dealanach eadar Glaschu is Dùn Èideann an ceann bliadhna no dhà.

Mur a robh sin math gu leòr, tha tursan rèile gu leòr air faire agam an-dràsta. Sa bhliadhna ùr, bidh mi a’ dol gu Lunnainn san Fhaoilleach airson coinneimh, tha mi an uair sin a’ dol gu Lunnainn a-rithist sa Ghearran airson caraid fhaicinn. An uair sin, tha mi a’ dol dhan Bhruiseil tron Eurotunnel le m’ obair agus an uair sin, tha mi a’ dol gu Eilean Wight gus na seann trèanaichean tiùb Lunnainneach fhaicinn san Eilean. An rud as fheàrr mu dheidhinn seo, ‘s e gun d’fhuair mi tiocaidean gu math, gu math saor airson seo uile.

Sin mìltean rèile gu leòr- còrr is 3,000 mile. Cò am broc!

Ach dè bhios mi a’ dèanamh air na tursan fada seo? Bidh mi ag ionnsachadh Gàidhlig Mhanainn!  (Mar a dh’aidich mi bho chionn goirid, ‘s e yo-yo dieter cànain a th’ annam). Fhuair mi an aplacaid “Learn Manx” bho chionn goirid agus abair thusa gu bheil i math.

 

Ged a dh’ionnsaich mi Gàidhlig gu fileanta, cha d’rinn mi a’ chùis air cànan sam bith eile fhathast ged a rinn mi iomadh oidhirp air Gaeilge agus Esperanto. Tha mi a’ faireachdain eadar-dhealaichte le Gàidhlig Mhanainn/Gaelg Vannin ge-tà.

Bu chòir strapline a bhith aig Gaelg “Manx – like Gaelic and Irish but much easier to learn” (Ny s’assey ny Gàidhlig as Gaeilge!).

Bha mi riamh air leth dèidheil air Gàidhlig Mhanainn ach fad iomadh bliadhna, bhithinn a’ toirt sùil air an t-siostam litreachaidh, a’ smaoineachadh MCSFT agus a’ cur an leabhar air ais air an sgeilp a-rithist agus eagal mo bheatha orm.

Tha mi a-nis a’ tuigsinn gu bheil Gaelg meadhanach furasta an uair’s gu bheil thu a’ tuigsinn an t-siostaim litreachaidh. Cò aig a tha fios, ‘s dòcha gun sgrìobh mi am blog seo an Gàidhlig Mhanainn latha de na làithean!

Quoi yn brock?

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s