Adhbhar eile airson a dhol air an trèana! #ScotRail #gaidhlig #gaelic

Tha deagh adhbhar eile ann airson a bhith a’ siubhail air an trèana seach anns a’ chàr agus ScotRail air ainmeachadh gu bheil wifi saor is an asgaidh gu bheil air gach trèana luaiths (express) ann an Alba ann am beagan bhliadhnaichean.

Bidh an uidheamachd wifi air gach trèana clas 170. Is e seo an seòrsa aonad a tha ga chleachdadh air na loidhnichean eadar Glaschu , Dùn Èideann, Dùn Dèagh, Obar Dheadhain is Inbhir Nis am measg àiteachan eile.

Clas 170

Clas 170 “Turbostar” ann am Baile Chè

Is bochd, ge-tà, nach eil seo gu bhith air na h-aonadan a tha gan cleachdadh air Loidhne a’ Chaoil, Loidhne a’ Chinn a Tuath agus Loidhne na Gàidhealachd an Iar. ‘S e tursan gu math fada a th’ annta  agus tha iad uile a’ toirt nas fhaide na bhith a’ dràibheadh agus tha mi cinnteach gun rachadh barrachd dhaoine air an trèana air a’ Ghàidhealtachd nan robh wifi ann.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s