Tiocaidean RailBus #gaidhlig #gaelic #scotrail

Tha mi dìreach air ionnsachadh mu sheòrsa tiocaid trèana/bus airson ceangal ri bailtean nach eil air an lìonra-rèile tuilleadh.

Tha na tiocaidean RailBus seo a’ ceangal bhailtean mar Chill Rìmhinn, Calashraid, Hamhaig is Craoibh far an deach na rathaidean-iarainn a thoi air falbh leis an Dr Olc Beeching ris an lìonra rèile nàiseanta. Tuiteam gun èirigh ort is leac air do bheul Beeching!

Le aon tiocaid, gheibh thu trèana dhan stèisean rèile as fhaisg agus an uair sin bus dhan cheann-uidhe agad. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ dol gu Cill Rìmhinn, rachadh tu dhan Luachair air an trèana agus an uair sin air adhart gu Cill Rìmhinn air a’ bhus.

Seo liosta de na bailtean a tha san sgeama seo.

Tiocaidean RailBus

Tiocaidean RailBus

 

Tha barrachd fiosrachaidh air an làraich-lìn aig ScotRail.

Gu mì-fhortanach, ‘s e dìreach na tiocaidean gu Cill Rìmhinn a tha rim faighinn air loidhne (aig Scotrail.co.uk) ach tha an còrr rim faighinn air a’ fòn bho ScotRail ann an stèiseanan no air an trèana.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s