Pete Townshend air an Tyne and Wear Metro! #gaidhlig #gaelic #thewho

Às dèidh na Nollaig, bha mi gu math feumach air turas rèile fada eile! Cha deach cùisean cho math am-bliadhna oir cha robh duine sam bith anns an teaghlach a’ cumail gu math agus droch chnatan air cha mhòr a h-uile duine. Nas miosa, ghlac Linda, girlfriend mo bhràthair-chèile pneumonia!

Cha robh mi fhèin a’ faireachdainn cho math nas motha – bris mi fiacail agus tha infection cluaise orm a tha gam fhàgail cho bodhar ris an talamh air aon taobh. Bha mi air an uiread de philleachain (laghail!) a ghabhail cuideachd is gu bheil mi air a bhith caran high fad seachdain!

Mar sin, bha e gu math soilleir Oidhche Haoine gum biodh Ciorstag, air a bheil droch chratan agus Jenny, a tha trom agus gu math sgìth, a’ cur seachad an ath latha eadar an leabaidh agus an TBh mas as còir.

Smaoinich mi rium fhèin, “ma tha mi gu bhith tinn is a’ gabhail fois fad an latha, bhiodh e na b’fheàrr a dhèanamh air trèana chofhurtail seach san leabaidh còmhla ri mo bhean is mo nighean (agus leis a’ chat cuideachd, tha fios) oir cha bhiodh rùm gu leòr ann dhomh co-dhiù!”

A bharrachd air seo, chan fhacas a’ ghrian ann an Glaschu fad seachdainean a-nis agus tha a h-uile rud cho liath ri liath ri liath sa bhaile agus bha mi dìreach airson teicheadh fad latha!

Mar sin, thug mi sùil air làrach-lìn East Coast feuch an robh tiocaidean saora rim faighinn dhan Chaisteal Nuadh an ath latha. Bha tiocaidean saora ann ceart gu leòr agus an ath latha, dhuisg mi aig 6m airson trèana 6.50 bho Ghlaschu Mheadhain a ghlacadh.

Carson an Caisteal Nuadh? Fhuair mi an leabhar Who am I le Pete Townshend aig a’ Who airson na Nollaig bho Jenny agus thug sinn orm beachdachadh air turas dhan Chaisteal Nuadh oir chaidh sinn a dh’fhaicinn a’ Who an-sin air ais ann an 2007 agus chuir sinn seachad latha no dhà sa bhaile. Chòrd an consart rium glan ach gu mì-fhortanach, cha robh Jenny den aon bheachd agus thuirt i rium às dèidh làimh gur e fear de na rudan as boring a chunnaic i riamh na beatha a bh’ ann!

 

 

A bharrachd air a’ cheangal nam inntinn eadar an leabhar agus am baile, bha mi airson an Tyne and Wear Metro air fad a dhèanamh ann an aon latha. ‘S e meatro mòr sgoinneil a tha seo le 60 stèiseanan a tha ceangal nam prìomh sgìrean is bailtean ann an ear-thuath Sasainn còmhla: an Caisteal Nuadh, Gateshead, Sunderland agus Port Adhair a’ Chaisteil Nuaidh am measg eile. Chaidh fhosgladh aig tòiseach nan 1980an le leudachaidhean mòra ann an 1991 agus 2002.

Ri leantainn…

Alasdair

An turas air fad: GLC-NCC, Metro: Newcastle Central-St James (taobh a’ chosta), St James-Monument, Monument-South Shields, South Shields-North Shields (air an aiseig), North Shields-Wallsend, Wallsend-Monument, Monument-South Hylton, South Hylton-Airport, Airport-Newcastle Central, NCC-EDB, EDB-GLC, GLC-DUM.

Mìltean rèile: 439.

Air m’ iPod: The Who: The Who Sell Out (1967) 6/10, Tommy (1969) 6/10, Live at Leeds(1970) 10/10. Sherlock Holmes – A Study in Scarlet (Leabhar claisneachd), 10/10.

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s