Turas dhan Toon – Am Broc sa Chaisteal Nuadh (2) #gaidhlig #gaelic #newcastle

Air an turas agam dhan Chaisteal Nuadh, bha cuisean cànain air m’inntinn mar as àbhaist.

An tòiseach, chunnaic mi na soidhnichean Laidinn aig stèisean meatro Wallsend, a’ gabhail a-staigh mapa den sgìre. Tha iad seo a’ comharrachadh balla Hadrian a tha faisg air làimh.

 

Thug an Caisteal Nuadh fhèin orm smaoineachadh cuideachd air ainmean-àite far an can muinntir an àite aon rud ris ach gun can a h-uile duine eile rud eile. Mar eisimpleir, canaidh muinntir a’ Chaisteil Nuaidh New Castle (a’ cur cuideam air Castle),  ach ‘s e Newcastle(a’ cur cuideam air New) a th’aig daoine às an taobh a-muigh. San aon dòigh, tha Car Lisle v Carlisle, Dun Dee v Dundee. Agus nas neònaiche buileach, tha Beal Feirste. Canaidh a h-uile duine anns a’ bhaile agus cha mhòr a h-uile duine eile air an t-saoghal Belfastach airson adhbhar air choirigin, canaidh naidheachdan a’ BhBC Bel Fast mar dhà fhacal le cuideam air Fast. Neònach fhèin!

Agus thug e orm gabhail iongnadh mun ainm “Wear” is mar a chanas tu e. Ma tha Geordie sam bith aig a bheil Gàidhlig a leughadh seo, an can thu e mar na faclan Beurla “bear” no mar “beer”?

Cha robh mi dìreach ann airson cànanas, ge-tà, ach airson spòrs treanach cuideachd. Fhuair mi tiocaid latha agus rinn mi am meatro air fad – thug e còig uairean a thìde uile gu lèir. Rinn mi an loidhne bhuidhe an tòiseach – St James dhan chosta agus gus South Shields. Rinn mi aiseag Tyne cuideachd eadar North Shields agus South Shields agus uair sin chaidh mi air ais gu Monument.

 

Rinn mi an loidhne uaine an uair sin. Chaidh mi gu deas gu South Hylton an tòiseach agus an uair sin, chaidh mi gu ceann eile na loidhne aig Port Adhair a’ Chaisteil Nuaidh. Seo loidhne gu math annasach is cudromach oir tha am meatro a’ cleachdadh an aon trac ri trèanaichean àbhaisteach eadar an Caisteal Nuadh is Sunderland. Seo an t-aon àite san RA far a bheil seo a’ tachairt.

Tha seallaidhean sgoinneil rim faighinn den bhaile, den abhainn agus den mhuir rim faighinn on mheatro. Air an loidhne dhan phort adhair, tha an loidhne a-mach air an dùthaich cuideachd. Mar fhear à Glaschu, chuir e iongnadh orm cho làn sa bha an Tyne de ghàrraidhean bhàtaichean, de bhàtaichean a’ tighinn is a’ falbh is de dh’fhactaraidhean, dìreach mar a bha Cluaidh bho chionn fhada air an t-saoghal.

Tha mi daonnan a’ faireachdainn ann an tìr nan Geordie nach eil e a’ faireachdainn mar sgìre de Shasainn ach mar dùthaich fa leth le coltas, blàs, cultar agus fiù’s siostam còmhdhail gu tùr eadar-dhealaichte bhon chòrr de Shasainn. Nam bheachd, is bochd nach do bhòt muinntir ceann a tuath Shasainn airson tomhas de dh’fhèin-riaghladh bho chionn beagan bhliadhnaichean nuair a bha an cothrom aca.

Mar as àbhaist, bha an camara agam ach gu mì-fhortanach, chan eil e ceadaichte dealbhan a thogail air a’ mheatro – poileasaidh gu tur gun chiall – is mar sin, cha d’ fhuair mi ach dhà no trì dealbhan seòlta.

Càr-meatro aig Port Adhairt a' Chaisteil Nuaidh

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s