Lunnainn ann an latha – the Tube Challenge #gaidhlig #lunnainn

Bha mi toilichte fhaicinn an latha roimhe gu bheil daoine ann a tha nas craicte fiù’s na tha mise.

Nuair a bha mi a’ sireadh fiosrachadh mun Docklands Light Railway ann an Lunnainn, lorg mi dà làrach-lìn mun Tube Challenge. ‘S e a th’ anns an tube challenge ach a bhith a’ feuchainn ri dhol air a h-uile loidhne air Fo-thalamh Lunnainn ann an aon latha.

 

Bheir seo 16 uair a thìde aig a’ chàr as lugha agus tha tòrr mòr obair planaidh a dhìth oir tha cuid de na loidhnichean dìreach fosgailte aig na h-amannan as trainge.

Ged a bhios mi air an London Underground nas fhaide air a’ mhìos, cha chreid mi gum feuch mi ris an lìonra air fad a dhèanamh. Is dòcha gun dèan mi fo-thalamh Ghlaschu air fad latha dè na làithean ge-tà oir cha toir sin ach 20 mionaid.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Subway Ghlaschu agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s