Bidh mi ann an Lunnainn air an ath-mhìos agus tha mi ag iarraidh dhol air safari rèile.
A bheil beachd aig duine sam bith a tha eòlach air a’ bhaile air dè na loidhnichean as inntinniche airson cuideigin a tha a’ tadhal air an àite airson latha no dhà? Chan eil e gu diofar an e loidhne rèile nàiseanta, Overground, Underground, Docklands Light Railway no trama a bhiodh ann.
Tha mi am beachd a dhol air an DLR, beagan de Tramlink Croydon agus is docha air an Loidhne Overground ùr ach chuirinn fàilte air moladh sam bith eile.

Overground Lunnainn
Alasdair