London Calling (1) – an trèana-oidhche #gaidhlig #lunnainn

Thòisich an turas mòr agam gu Lunnainn air an trèana oidhche eadar Glaschu Mheadhain (GLC) agus Lunnainn Euston (EUS).

Sheall Abby, stiùiriche na trèana, an seòmar agam dhomh. Tha dà leabaidh anns gach rùm agus mar as trice, bidh agad ri co-roinn le cuideigin eile. Air an oidhche seo, ge-tà, cha robh an trèana ro thrang agus fhuair mi cabin dhomh fhèin.

90 035 ann an Glaschu Meadhain leis a' Chaledonian Sleeper

90 035 ann an Glaschu Meadhain leis a’ Chaledonian Sleeper

B’ e seo a’ chiad turas a bha mi riamh air an trèana-caidil agus abair gu robh mi air bhioran. Air an adhbhar sin, cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol dhan bhàr ghoireasach aca gus branndaidh no dhà fhaighinn gus mo shocrachadh.

Tha am biadh is an deoch air an trèana-oidhche fìor mhath: deagh roghainn de bhiadh fuar is teth, liosta fìona math agus tòrr dhiofar sheòrsaichean uisge-beatha is spioradan eile. Leis gum bi na h-urracha mòra mar BP, luchd-gnìomhachais is msaa a’ cleachdadh na trèana seo, tha ScotRail ga mheas cudromach gum bi deagh chàr-bìdh ann. A dh’aindeoin seo, ge-tà, tha a h-uile rud gu math gu math saor agus fhuair mi biadh agus dà bhranndaidh air dìreach £11.

Branndaidh air an trèana-oidhche

Dh’fhan mi sa chàr-bìdh gus an d’ràinig sinn Caisteal Tarrais / Carstairs. ‘S e ceann-rèile gu math cudromach airson nan trèanaichean-oidhche a tha seo oir bidh an trèana-caidil à Glaschu a’ coinneachadh ris an trèana oidhche eile a tha air tighinn à Dùn Èideann/Obar Dheadhain/Inbhir Nis/An Gearastan agus thèid an ceangal ri chèile an seo airson an turais fhada air adhart gu Lunnainn.

Às dèidh dhuinn Carlisle a ruighinn, chaidh mi dhan leabaidh agus dh’fheuch mi ri beagan caidil fhaighinn. Chan robh e ro fhurasta sin leis mar a bha an trèana a’ gluasad o thaobh gu taobh. Cuideachd, bha sinn a’ gluasad gu math slaodach eadar Glaschu is Preston ach às dèidh dhuinn Preston fhàgail, bha an trèana a’ dol aig peilear a beatha gus an d’ràinig sinn Lunnainn.

Cha d’ fhuair mi ach mu thrì uairean de chadal agus dhuisg mi aig gach stèisean air an t-slighe (Preston Lancs, Watford Junction – north of which there be dragons – agus Euston) ach ’s e deagh chadal a fhuair mi agus chòrd e rium glan.

An lounge, an Caledonian Sleeper

Bha an trèana 20 mionaid air thòiseach air a’ chlàr ama agus chaidh ar dusgadh aig 6:30 ann an Euston le stiùiriche an trèana le deoch.

’S e fìor dheagh thuras a bh’ ann agus cha robh e cho cosgail sin nas motha – £58 – is mar sin, bha e na bu shaoire na bhith a’ dol air a’ phleana/ceangal rèile gu meadhan a’ bhaile agus tòrr na bu shaoire na bhith a’ dol ann air trèana/pleana agus an uair sin a’ cur seachad oidhche ann an taigh-òsta.

An seòmar agam

Mholainn an trèana-oidhche The Caledonian Sleeper gu mòr gu duine sam bith a tha a’ dol gu Lunnainn. Bidh i a’  falbh gach oidhche (ach a-mhàin Oidhche Shathairn) bho Dhùn Èideann/Obar Dheadhain/Inbhir Nis/An Gearastan agus a’ stad gus daoine a thogail aig grunn stèiseanan eile.

Agus ma tha sibh airson a’ dol dhan Chòrn uair sam bith, tha trèana-oidhche ann eadar Lunnainn agus Penzance cuideachd: an Night Riviera.

Alasdair

Air m’ipad: Black Sabbath Reunion, 9/10.

Stuth leughaidh: Thin Lizzy – the Boys are Back in Town le Scott Gorham.

Slighe: GLC-EUS air Prìomh-loidhne a’ Chosta an Iar

Loco: 90 035

Mìltean rèile: 401

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri London Calling (1) – an trèana-oidhche #gaidhlig #lunnainn

  1. Thuirt Steven Ritchie:

    Feumail, Alasdair. Cha do ghabh mi an trèana-oidhche gu Lunnainn a-riamh, ach ghabh mi am bus-oidhche mu thrì tursan. Cha robh e a cheart cho dòigheil ‘s a tha an coltas air an trèana ud co-dhiù!

    Saoil a bheil e an-còmhnaidh cho saor ri £58, no an e prìs shònraichte a bha sin?

    'S toil

    • Taing a charaid! Chan eil e daonnan cho saor sin – tha prìsean nan tiocaidean a rèir iarrtais. Ach mar is trice ma chuireas tu air dòigh iad ro làimh, cosgaidh iad £59 no nas lugha. Tha mi a’ dol ann air an ath mhìos a-rithist air £39 agus gheibh thu tiocaidean airson suidhe (gun leabaidh) air nas lugha na sin. Gu tric air £27.

      'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s