London Calling 2 # Cearcall a’ Chuain: London Orbital #gaidhlig #lunnainn

Ma tha ùidh agad ann an ceòl roc, mholainn gu mòr an London Orbital.

‘S e loidhne ùr aig an Overground a tha seo a tha a-nis a’ dèanamh cearcall taobh a-muigh meadhan Lunnainn. Tha i a’ ceangal tuath is deas a’ bhaile ri chèile agus a’ cruthachadh chothroman airson daoine a tha ag iarraidh siubhail gun a bhith a’ dol tro mheadhan a’ bhaile. ‘S e Orbital Lunnainn no M25 na rèile a chanas daoine ris.

 

Aig Clapham Junction às dèidh turas air loidhne Lunnainn an Ear

Aig Clapham Junction às dèidh turas air loidhne Lunnainn an Ear

Chaidh am pàirt mu dheireadh den loidhne fhosgladh aig deireadh na bliadhna an-uiridh eadar Surray Quays agus Clapham Junction.

Thòisich an turas agam ann an Highbury is Islington agus chaidh mi gu Clapham Junction “an Stèisean as trainge ann an Sasainn” agus chùm mi a’ dol gu Shephard’s Bush far an do ghlac mi an Central Line air ais gu meadhan a’ bhaile.

An Overground - London Orbital

An Overground – London Orbital

‘S e loidhne gu math sònraichte a tha seo air dà adhbhar. Ged is e pàirt den Overground a th’ ann a-nis, bha an loidhne eadar Shoreditch agus Surrey Quays aig an London Underground mar an East London Line (“East Slumdon Line”) gus an do dhùin e ann an 2007. A bharrachd air seo, tha an loidhne a’ dol fon Thames ann an tunail ainmeil a thog Brunel, an tunail as sine san t-saoghal a tha a’ dol fo abhainn.

Mapa de Loidhne Lunnainn an Ear nuair a bha e mar phàirt den Underground

Mapa de Loidhne Lunnainn an Ear nuair a bha e mar phàirt den Underground

Tha a’ mhòr-chuid den loidhne air drochaidean a tha os cionn a’ bhaile gu h-àrd a bheir dhut deagh shealladh de cheann an ear Lunnainn.

Tha tòrr cheanglaichean aig an Orbital ri ceòl. Dh’èist mi ri The Ripper le Judas Priest air an t-slighe tro Whitechapel agus ri Guns of Brixton leis a’ Chlash ann am Brixton. An uair sin, chuir mi Animals le Pink Floyd air agus Stèisean Cumhachd Battersea air faire. Agus mu dheireadh, thàinig mi far na trèana ann an Shepherd’s Bush às a bheil Pete Townshend aig a’ Who!

Pink Floyd – Animals

 

‘S e deagh rathad-iarainn ùr a tha seo. An dòchas gum faic sinn an aon rud ann an Dùn Èideann latha de na làithean is gun tèid an South Sub ath-fhosgladh.

Air m’ ipod: The Clash London’s Calling 10/10,  Big Audio Dynamite, Live in Glasgow 2011 (bootleg), 9/10.

An turas:  London Euston (EUS) – Highbury & Islington (HHY) (London Underground), HHY – Clapham Junction  (CLJ) – Shepherd’s Bush (SPB) (London Overground).

Miltean rèile: 23

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to London Calling 2 # Cearcall a’ Chuain: London Orbital #gaidhlig #lunnainn

  1. Pingback: An trèana anns an drèana – the Waterloo and City Line #gàidhlig @wlooandcityline | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s