Safe European Home – turas air an Eurostar #gaidhlig #HS1

Tòisichidh gach turas leis dìreach aon cheum mar a chanas iad sa chànan eile. Sin na bha mi a’ smaoineachadh is mi air an t-slighe dhan Bhruiseal Didòmhnaich oir bha a’ chiad ceum na bu dorra – is na bu daoire – na bu chòir. No mar a chanas sinn sa Ghàidhlig, “is obair-latha tòiseachadh”.

Bha mi gu bhith a’ siubhail eadar Glaschu is Lunnainn agus an uair sin eadar Lunnainn agus a’ Bhruiseal air an Eurostar – còrr is 600 mìle. Ach an robh trèana ri fhaighinn airson an dà mhìle bhon Dùn Bhreac gu Glaschu Mheadhain an tòiseach? Gu dearbha fhèin cha robh oir cha bhi trèanaichean a’ ruith air loidhne Canàl Phàislig air an Dòmhnaich. Mur a robh sin dona gu leòr, cha bhi an Subway a’ fosgladh gu 10m. Luchd-planaidh còmhdhail na h-Alba, DÙISGIBH!!

 

Soidhne stèisean - An Dùn Breac

Chan fhaic thu sgeul air trèana an seo air an Dòmhnaich…

 

Às dèidh dhomh stèisean a’ mheadhain a’ ruighinn ann an tagsaidh, (chosg an trèana gu Lunnainn £24, chosg an tagsaidh £8) choinnich mi ri mo cho-obraichean Micheal is Mairead ann an Costa airson “srubag cumhachd”. Tha sinn uile ag obair còmhla agus b’ e adhbhar an turais faighinn a-mach mu Choimisean is Pàrlamaid na h-Eòrpa.

Ri leantainn…

An turas air fad: GLC-EUS, STP- a’ Bhruiseil a Deas.

Mìltean rèile: 633

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, Subway Ghlaschu agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s