Ceithir dùthannan ann an latha #gaidhlig #eurostar

Bha mi air an Eurostar airson a’ chiad turais an t-seachdain sa chaidh mar phairt de thuras rannsachaidh dhan Bhruiseil le m’ obair gus ionnsachadh mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Eòrpa,  Coimisean na h-Eòrpa agus mun Vlaams  Parlement (Pàrlamaid Fhlanndrais).

Thoisich an turas againn ann an Lunnainn St Pancras Eadar- nàiseanta. Seo an Stèisean as spaideile a chunnaic mi riamh. Tha coltas ur is brèagha air an stèisean agus chan fhaicear a leithid an aite sam bith eile san RA. Tha mullach glainne mòr glan air an togalach a tha a’ leigeil tòrr mòr solais nàdarra a-steach cho math ri bùithtean matha agus am bar Champaigne as motha san t-saoghal.

Stèisean St Pancras Eadar-nàiseanta, Lunnainn

St Pancras Eadar-nàiseanta, Lunnainn

 

Mus deach sinn faisg air an trèana, ge-ta, bha againn ri dhol tro phròiseas teàrainteachd  a bha a cheart cho dona ri sam bith a chi thu ann am port adhair eadar-nàiseanta  – ach gu fòrtanach, cha robh e idir cho dona ri Port Adhair Steòrnabhaigh.  Gu dearbha, bha againn ri dhol tro thèarainteachd a-rithist an dà chuid anns a’ Bhruiseil agus ann an Lunnainn a-rithist air an t-slighe air ais. Mar sin, ma tha thu a’ dol air an Eurostar, dean cinnteach gum bi thu san stèisean co-dhiù lethuair a thìde mus falbh an trèana agad.

Às dèidh mion-sgrùdadh oirnn, chaidh sinn a-steach dhan trèana mu dheireadh thall. Chuir an trèana beagan iongnaidh orm oir ged a tha e a’ coimhead luath, spaideil bhon taobh a-muigh,  tha coltas caran 1980s orra agus tha e follaiseach gu bheil beagan obair sgeadachaidh a dhith air na trèanaichean. Chan eil idir sin ri ràdh nach eil na trèanaichean Eurostar chofhairteil ge-ta oir is iad a tha, agus gu math luath cuideachd, ach chan eil iad cho spaideil sa bhiodh tu an dùil airson seirbheis eadar-nàiseanta cho cliùiteach.

Bha deagh sheallaidhean rim faicinn de Kent air an t-slighe dhan Tunail agus bha an trèana a’ dèanamh còrr math is 100 mile san uair fad na slighe.

Ged is e seirbheis eadar-nàiseanta a th’ ann, cha mhothachadh tu sin mur an robh fhios agad mar-tha. Cha deach innse dhuinn nuair a chaidh a a-steach dhan tunail mhòr agus gu dearbha, bha e doirbh a bhith cinnteach de an tunail a bh’ ann oir bha dha no tri tunailean  fada ann an Sasainn. Nuair a rainig sinn an Fhraing, bha sinn air an dùthaich ann an àite gun mòran thogalaichean no càraichean agus cha robh mòran ann gus comharrachadh gur ann san Fhraing a bha sinn. Chuala mi daoine eile air an trèana ag ràdh “eil sinn san Roinn Eòrpa fhathast?”, “chan eil coltas Frangach air seo, eil thu cinnteach nach eil sinn ann an Sasainn fhathast?” is a leithid. Cha deach innse dhuinn nuair a ràinig sinn a’ Bhruiseil nas motha.

Bha an trèana gu math ioma-chànanach, ge-ta, agus tòrr dhiofar theangaichean rin cluinntinn aig an luchd-siubhail agus aig an luchd-obrach. Bha a h-uile rud air an tannoy sa Bheurla, san Fhraingis agus san Duidsis (Flannrais).

 

Flannras

Flannras

 

Cha tug an turas ach mu 3 uair a thìde agus cha robh sinn anns an tunail airson mu 30 mionaidean no mar sin. Mholainn an Eurostar do dhuine sam bith a tha a’ dol dhan Roinn Eòrpa.

Alasdair

Dùthchannan: Alba, Sasainn, An Fhraing, Flannras (Flanders)

An turas air fad: GLC-EUS, STP-Brussel-zuid. 633 mìltean.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s