Tursan bus mòra an-saoghail (1) – Lunnainn Victoria – Hackney Central #gaidhlig

Cha bhi mi ann an Lunnainn gu tric ach tha mi air a bhith ann tri tursan am-bliadhna gu ruige seo agus bidh mi a’ dol air ais aon uair eile aig tòiseach a’ Mhàirt!

An turas seo, ge-tà, cha robh mi ann airson adhbharan obrach ach airson spors – saor-làithean leis an teaghlach. Bha sinn a’ dol ann gus na rudan àbhaisteach aig luchd-turais a dhèanamh – Tùr Lunnainn turas stiùideo Harry Potter agus turas bus gus na seallaidhean fhaicinn. A bharrachd air seo, bha cothrom gu leòr ann airson beagan spors le trèanaichean is busaichean aig an aon àm.

Ciorstaidh a' tighinn far na trèana ann an Lunnainn Euston

Ciorstaidh a’ tighinn far na trèana ann an Lunnainn Euston

Chaidh sinn ann air an trèana-oidhche. B’ e seo a’ chiad turas aig Ciorstaidh is Jenny air trèana-caidil agus chord e gu mòr ri Ciorstaidh (7) a bhith a’ coiseachd mun cuairt ann am meadhan Ghlaschu anmoch air an oidhche agus onesie oirre! Bha i an uair sin air bhioran air an trèana fad uair no dhà agus bha greis ann mus d’fhuair i cadal ach chord e rithe glan. Chan eil fhios agam an do chòrd seo ri a Mam ge-tà oir bha coltas sgith orra sa mhadainn…..

Ged a fhuair Jenny is Ciorstag leabaidh, chaidh mi fhèin air an ’seated sleeper’ a tha dìreach na choidse àbhaisteach agus cha robh e cho furasta sin cadal fhaighinn is mi nam shuidhe fad na h-oidhche. Fhuair mi deagh chadal, ge-tà, fhad’s a bha sinn stuicte air cùlaibh trèana bathair a bha air briseadh sìos ann an Nuneaton fad uair gu leth. Ràinig sinn Lunnainn aig 8:00m – àm na bu chiallaiche na 6:47m mar a bha air a chlàr-ama.

A' dràibheadh na trèana air an DLR

“A’ dràibheadh” na trèana air an DLR

Ann an stèisean Euston, fhuair sinn cairt Oyster airson Ciorstag airson siubhail saor is an asgaidh fhaighinn dhi air an Underground, Overground, seirbheisean rèile nàiseanta, busaichean agus tramaichean ann am mòr-sgìre Lunnainn.
Thoisich na saor-làithean againn le turas gu Cearnag Trafalgar air an tiùb agus an uair sin le turas air Routemaster gu Tower Hill far an do ghlac sinn an Docklands Light Railway aig Tower Gateway airson a dhol air turas air an càr-càbaill an Emirates Air Line.

Alasdair agus Jenny Air an Emirates Air Line

Air an Emirates Air Line

Chan eil na Routemasters a’ ruith ach air dà shlighe goirid do luchd-turais – a-nis oir chan eil iad ceadaichte airson seirbheisean àbhaisteach tuilleadh mar thoradh air an DDA (Disability Discrimination Act). Sin an droch naidheachd.

Is e an deagh naidheachd gu bheil na slighean seo, 9H is 15H a’ dol seachad air cuid de na seallaidhean às ainmeil sa chathair a’ gabhail a-steach Royal Albert Hall, Hyde Park Corner, Pall Mall, Cearnag Trafalgar, Charing Cross, Sràid Fleet (“Sràid na Nàire”) agus Tùr Lunnainn. A bharrachd air seo, chan eil na seirbheisean seo cosgail – dìreach £1.40, an aon phrìs ri turas bus sam bith eile aig Transport for London (TfL).

Routemaster, Cearnag Trafalgar

Routemaster, Cearnag Trafalgar

Ged nach eil na seann Routemasters idir cho cumanta sa b’ àbhaist dhaibh a bhith, tha TfL a’ toirt a-staigh bus sgoinneil ùr air a bheil New Bus for London no New Routemaster. Chaidh am bus seo a dhealbhachadh gu sònraichte airson feumalachdan Lunnainn agus bha e na phàirt chudromach dhan phròiseact cuideachd gum biodh fìor dheagh choltas air agus gum biodh e air leth uaine.

Fhuair mi cothrom a dhol air fear de na Routmasters (RM) ùra eadar Victoria agus Hackney Central. Ri mo thaobh aig na seataichean tòisich shuas bha tè òg Lunnainneach a bha air Routemaster ùr airson a’ chiad turais. Bha i air a bhith a’ feitheimh aig stèisean Bus Victoria fad còrr is dà uair a thìde gus fear de na busaichean ùra fhaicinn còmhla ri a bràmair nach robh idir a’ tuigsinn carson a bha i cho fìor dèidheil air a’ bhus ùr!

Routemaster ùr, Hackney Central

Routemaster ùr, Hackney Central

Bha mise a’ tuigsinn ge-tà, agus cha robh mi nam aonar oir chuala mi an còmhradh a leanas: “Eil am bus seo a’ dol gu Clapton?” “Tha mi duilich a charaid, chan eil.” “Och uill, thig mi air co-dhiù ged a tha e a’ dol an taobh cheàrr oir bha mi riamh airson fear de na Routmasters ùra fhaicinn”. Agus nuair a ràinig sinn ceann na slighe, bha aig an dràibhear ri ràdh “seo an stad mu dheireadh, all change” a chionn ’s gun robh còignear no sianar mar mi fhèin air bòrd – cha robh sgùbaidh againn far an robh sinn a’ dol, bha sinn dìreach airson a dhol air a’ bhus sgoinneil ùr!

Mìltean rèile: 401 – GLC-EUS

Air m’ ipod: The Clash, Give em Enough Rope (1978), 8/10.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd