Air na saor-làithean againn ann an Lunnainn bho chionn goirid, bha cothrom againn dà annas sgoinneil fhaicinn: turas stiùideo Harry Potter agus crìoch an t-saoghail, seadh, crìoch an t-saoghail!
An àite a bhith a’ dol air an Hogwarts Express gu Caisteal Hogwarts, bha againn ri trèana àbhaisteach fhaighinn eadar Euston (EUS) agus Watford Junction (WFJ). Cha do chuir seo suas no sìos mi co-dhiù, ge-tà, oir bha cothrom agam an-uiridh a dhol air an Hogwarts Express ann an York.

Hogwarts Express, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, York.
Bha mi a’ dèanamh fiughair ri Ceann-rèile Watford fhaicinn oir thathar ag ràdh gu bheil cuid ann an ton Shasainn den bheachd gu bheil an saoghal sìobhalta a’ tighinn gu crìch ann an Watford.
Cha robh mi a’ faicinn rud sam bith sònraichte mu Watford agus gu dearbha, cha robh sgeul air dràgonan no dad mar sin tuath air a’ bhaile. A dh’aindeoin sin, ge-tà, thàinig fìor dhroch thìde fhad ’s a bha sinn a’ feitheimh ris an trèana dhachaigh. An e comharra a bha seo?

Here endeth civillisation!
Cha robh trèana sam bith ri fhaicinn aig turas Harry Potter ach chunnaic sinn seo