Bha mi a’ gearain an seo bho chionn greiseag mu cho doirbh sa tha e faighinn a-mach mu na tiocaidean trèana/bus gu Port-adhair Ghlaschu ged a tha iad saor agus nas uaine na bhith a’ dol sa chàr.

Tiocaid air ais bhon Phort-adhairt
An turas mu dheireadh, dh’fheuch mi ri tiocaid fhaighinn eadar an Dùn Breac (an stèisean ionadail agam – DUM) agus Port Adhair Ghlaschu (GGT). Bha sin furasta gu leòr ach cha ghabhadh tiocaid a cheannach airson na slighe air ais idir oir chan eil returns fosgailte rim faighinn is cha ghabh tiocaidean rèile a cheannach air a’ bhus no aig an Phort Adhair.
Às dèidh iomadh litir gu ScotRail, fhuair mi a-mach gun gabhadh tiocaid shingilte a cheannach air-loidhne ro làimh a ghabhadh a thogail anns an stèisean. Mar sin, fhuair mi an trèana gu Pàislig (PYG – Sràid MhicGilleMhòire no “Pàislig Pink Floyd” mar a th’ agam air mar thoradh air Dave Gilmour, sàr-ghaisgeach a’ giotàir) agus am bus an uair sin dhan phort-adhair gun duilgheadas sam bith.
Nuair a bha mi air a’ bhus, (McGill’s 757 eadar Pàislig agus GGT), thug mi sùil air a’ bhileig mun t-seirbheis dhan phort-adhar is cha robh iomradh sam bith air na tiocaidean rèile/bus.
Fhuair mi am plèana agam gu Steòrnabhagh na Grèine agus bha deagh choinneamh agam agus an ath-latha nuair a bha mi a’ dèanamh air Glaschu a-rithist, bha mi toilichte gun robh tiocaid rèile/bus agam nam phòcaid airson a dhol dhachaigh.

Gin is bitter lemon ann an Steòrnabhagh na Grèine!
Cha robh e buileach cho furasta airson mo charaid Dàibhidh, ge-tà. Bha e air an aon tiocaid a cheannach agus bha e an dùil a dhol air ais gu Glaschu air an Airbus – am bus luath gu Stèisean a’ Mheadhain is Sràid na Banrighinn – agus air adhart leis an trèana gu Dùn Èideann far a bheil e a’ fuireach.
Thuirt iad nach gabhadh an tiocaid aige a chleachdadh idir agus gun robh feum aige air tiocaid eile.
Tha e ag ràdh air làrach-lìn ScotRail gun urrainn dhut tiocaid bus/rèile a cheannach gu Port Adhair Ghlaschu air trì diofar slighean:
– Taobh Phàislig (PYG)
– Taobh Phàrtaig (PTK)
– Air a’ bhus luath gu Stèisean a’ Mheadhain (GLC) is Sràid na Banrighinn (GLQ)
Ach a rèir coltas, ’s e tiocaid eadar-dhealaichte a tha a dhith airson gach slighe. Mo chreach….
Thug mi sùil air làrach-lìn ScotRail agus seo mar a bha iad air Mixing desk ScotRail:
– Pàislig: Glasgow Aiport GGT
– Bus luath: Glasgow Air Xbus
– Pàrtaig: Gla Airbus V Ptk
– Cuideachd: Glasgow A’port via Glasgow Cent
Gabhaidh tiocaidean a cheannach airson “Glasgow Airport (GGT)” (gu Sràid MhicGilleMhoire air an trèana, bus bho Phàislig) agus “Glasgow Air XBus” (bus luath air adhart bho Sràid na Banrighinn/Stèisean a’ Mheadhain). Bha tiocaidean airson “Glasgow A’Port via Glasgow Cen” cuideachd. Chan eil mi cinnteach dè bh’ ann ach chosg na tiocaidean an aon rud ri tiocaidean air “Glasgow Air XBus” is mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gur e an aon rud a th’ ann. Cha robh tiocaidean rim faighinn air loidhne idir airson nam busaichean taobh Pàislig.
Ciamar idir a tha ScotRail an dùil gun cleachd duine sam bith na tiocaidean aca dhan phort-adhair nuair a tha an suideachadh cho troimh-a-chèile seo?
Às dèidh turas gu Lunnainn leis a’ chairt Oyster agus siostam còmhdhail cheangailte fìor mhath bho chionn ghoirid, tha e a’ cur orm gu bheil Alba fhathast ann an linn na cloiche a thaobh còmhdhail ceangailte.
Air m’ i-pod: The Clash Super Black Market Clash 6/10.
Alasdair