Turas gu Vectis #gaidhlig #IOW #islandline

Nuair a bha mi mu dhusan bliadhna a dh’aois ann am meadhan nan ochdadan, fhuair mi deagh leabhar air an robh British Electric Trains in Camera mar phreasant.

Bha mi fìor dheidheil air an leabhar sin agus leugh mi e bho cheann gu ceann iomadh, iomadh turas agus dh’fhàs mi mion eòlach air gach dealbh is bha a h-uile caipsean cha mhòr air mo theanga.

Bha a h-uile seòrsa trèana dhealanach ann bho air feadh lìonra BR ach bha ùidh shònraichte agam anns a’ chaibideil mu Eilean Wight agus cho-dhùin mi gun robh mi airson a dhol ann latha de na làithean gus na trèanaichean fhaicinn. An t-seachdain sa chaidh, chaidh mi ann mu dheireadh thall às dèidh 25 bliadhna.

Clas 483, Shanklin, Eilean Wight

Clas 483, Shanklin, Eilean Wight

Bha mi gu mòr son loidhne an eilein fhaicinn oir ’s e rathad-iarainn air leth a th’ ann. Bha lìonra rèile anns an eilean a bha a’ ceangail nam bailtean as cudromaiche uile uair ach chaidh a mhòr-chuid a dhùnadh leis an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul – TGEE/LAAB).

San deilbh seo, chithear dìreach cho mòr sa bha an siostam rèile anns an eilean as motha ann an Sasainn gus an deach an dùnadh leis an Dr Beeching (TGEE/LAAB).

 

Lìonra rèile Eilean Wight ro 1966

Lìonra rèile Eilean Wight mar a bha

Chaidh dìreach aon loidhne a ghlèidheadh – an loidhne eadar Ryde, prìomh phort inntrigidh an eilein, agus Shanklin, baile air taobh an ear dheas an eilein a tha ainmeil airson turasachd.

Bha duilgheadas sònraichte aig BR le loidhne an eilein– tha tunail fada ann am meadhan Ryde a tha uamhasach fhèin beag is tana. Bha an loidhne air a bhith ga ruith le einnseanan-smùid beag bìodach a chaidh a thogail san 19mh linn agus cha robh an tunail àrd gu leòr airson trèana àbhaisteach sam bith.

Às dèidh cnuasachadh air a’ chùis, cheannaich BR seann trèanaichean tiub (a bha 40 bliadhna a dh’aois!) bho London Underground – an seòrsa a bhios air an cleachdadh air na loidhnichean as doimhne fon talamh.

Mar sin, ma thèid thu gu Eilean Wight air a’ bhàta, ’s e a’ chiad rud a chì thu seann trèanaichean tiub Lunnainneach air cidhe ri taobh na mara. Sealladh annasach ach mìorbhaileach!

Mapa lionra rèile Eilean Wight

Mapa lionra rèile Eilean Wight

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Turas gu Vectis #gaidhlig #IOW #islandline

  1. Pingback: Sàbhail Rathad-iarainn an Eilein! #gàidhlig #IOW | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

  2. Pingback: Mundane ann an Lunnainn! Turas gu Acton Depot #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s