Eilean Wight: Dachaigh na Marxachd! – Turas gu Vectis (4) #gaidhlig #islandline #IOW

Bha sanas anns an trèana agam air Eilean Wight le quote bho Karl Marx. Chuir sin iongnadh mòr orm oir tha comhairle agus Ball Pàrlamaid Tòraidheach aig an eilean agus cha robh mi a’ tuigsinn gun robh Marcsachd cho làidir san àite!

Beachd Karl Marx air Eilean Wight

Fhuair mi a-mach chuideachd gun robh Vectis National Party ann uair agus cuideachadh pàrtaidh roinneil eile a bha ag iarraidh barrachd cumhachd dhan eilean. Mar sin, dh’ionnsaich mi beagan mu phoileataics a bharrachd air trèanaichean.

Agus ged nach fhaca mi idir i air an turas agam, fhuair mi a-mach gun robh bratach aig Eilean Wight agus tha mi air tè òrdachadh air e-bay dhan chruinneachadh agam.

Bratach oifigeil Eilean Wight

Seo bratach oifigeil an eilein, ach le cho dèidheil sa tha iad air Marcsachd a rèir coltais, rinn mi beagan obair leasachaidh oirre.

Bratach ùr Eilean Wight?

Karl Marx and Fredrich Engels, came to the checkout at the 7-11, Marx was skint - but he had sense, Engels lent him the necessary pence (The Magnificent Seven, the Clash)

Alasdair le Marx is Engels, Berlin

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Eilean Wight: Dachaigh na Marxachd! – Turas gu Vectis (4) #gaidhlig #islandline #IOW

  1. Thuirt gary ferguson:

    chord sin rium glan, chuir e gaire orm 🙂

    'S toil

  2. Pingback: Sàbhail Rathad-iarainn an Eilein! #gàidhlig #IOW | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s