Trèanaichean beaga anns an t-seann Ghàidhealtachd aig deas #gaidhlig

Chaidh mi fhèin is Jenny agus a’ Bhrochag air turas gu Carraig is Gall-Ghàidhealaibh Dihaoine na Ceusta air a’ chiad latha de na saor-làithean againn.

Leugh mi san Railway Magazine air a’ mhìos sa chaidh gun robh meanbh rathad-iarainn ùr (gèidse 10.25 òirlich) ann am Baile na Tràgha (Ballantrae) ann an Carraig ann an Schd Air a Deas agus cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol ann. Tha an loidhne ùr seo ann an Ionad Gàirnealaireachd Craigiemains agus b’ àbhaist dhan loco agus dhan trac a bhith mar phàirt de Mheanbh-rathad-iarainn Inbhir Air a dhùin air ais anns na 1990an.

 

Meanbh-rèile Cragiemains, Schd Air a deas

Meanbh-rèile Cragiemains, Schd Air a deas

Dh’aontaich Jenny tighinn air an turas fhada dhan cheann a deas sa bhad ach cha robh e cho furasta aonta fhaighinn bhon tè bheag. “Uair gu leth? Tha e caran fada air falbh a Dhadaidh. Am faigh mi chips ma thig mi ann?”

Tha an rathad-iarainn suidhichte ann an an ionad gàirnealaireachd snog a tha faisg air an tràigh le deagh shealladh de Chreag Ealasaid agus de na beanntan. Tha an rathad-iarainn ann an cearcall a tha 300 slat a dh’fhaid agus ‘s e an Ayr Princess – a tha na mhodail de Western (BR Clas 53) an aon loco a th’ aig an loidhne.

Chòrd an turas gu mòr ruinn uile mar a chithear bhon dealbh seo!

 

Ciorstaidh is Jenny aig an trèana

Chum sinn oirnn an uair sin gus an t-Sròn Reamhar oir cha robh Jenny no Ciorstaidh riamh ann roimhe agus bha iad airson am baile fhaicinn. “Mummy – this town’s called Fat Nose I’ve got to see it!!”

Fhuair Ciorstaidh a cuid chips ann agus mar sin, bha i toilichte gu leòr. Chaidh sinn an uair sin gu Pàirce Agnew. Bha mi ann an-uiridh gus am meanbh rathad-iarainn fhaicinn ach cha robh e fosgailte. Cha robh mi idir an dùil gum biodh e fosgailte an turas seo nas motha ach ‘s ann a bha mi ceàrr.

Bha mi dìreach air a ràdh ri Jenny gun robh e na bhriseadh dùil dhomh nach robh an rathad-iarainn a’ ruith nuair a chuala mi dùdach aig ceann eile na pàirce agus a chunnaic mi trèana bheag ghorm a’ tighinn!

 

An trèana, Rathad-iarainn Pàirce Agnew, an t-Sròn Reamhar

An trèana, Rathad-iarainn Pàirce Agnew, an t-Sròn Reamhar

Tha an rathad-iarainn ann an cruth 8 timcheall air lochan agus pàirce cluich. Dh’fhosgail an loidhne seo, aig a bheil gèidse 7.25 òirlich, ann an 1997 agus tha i mu 800 slat a dh’fhaide.

Mar sin, chan e dìreach ainmean-àite Gàidhlig a chì thu ann an Carraig is Gall-Ghàidhealaibh ach cuideachd rathaidean-iarainn beaga sgoinneil! Tha an ceann a deas ag èirigh a-rithist.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s