Tha tòrr naidheachd bhrosnachail air tighinn à ear thuath Fhìobha bho chionn goirid.
Tha a’ bhuidheann-iomairt Starlink, a tha a’ feuchainn ris an rathad-iarainn gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh, air èisteachd fhaighinn bhon chomhairle a tha a-nis gu bhith a’ toirt sùil nas doimhne air a bhith ag ath-fhosgladh na loidhne.
Tha làn àm ann an loidhne eadar An Luchair is Cill Rìmhinn ath-fhosgladh. ‘S e baile mòr cudromach a th’ ann an Cill Rìmhinn agus tha e do-chreidsinneach nach eil ceangal-rèile aig àite a tha cho cudromach airson turasachd is sgoilearachd.

An aon trèana a chì thu an Cill Rìmhinn aig an àm seo! Seo i c1985
A bharrachd air seo, tha a’ mheanbh-rèile ann am Pàirce Craigtoun sa bhaile an dà chuid fosgailte a-rithist agus tèarainte. ‘S e pàirc mhòr Bhictorianach taobh a-muigh Chill Rìmhinn a th’ ann an Craigtoun le craobhan is preasan tropaigeach is taighean-glainne agus lochan le tunnagan is geòidh. Tha tòrr ann dhan teaghlach – trampolines, “goilf craicte”, rathad-iarainn, cafe agus bàtaichean beaga agus mar sin air adhart.
Bhiomaid daonnan a’ dol dhan “East Neuk” air saor-làithean nuair a bha mi òg agus chuir mi seachad iomadh latha ann an Craigtoun. Gu mì-fhortanach, chaidh na goireasan uile a dhùnadh leis a’ chomhairle mar phàirt de na gearraidhean aca bho chionn dà no trì bliadhna.
Bho chionn dà bhliadhna, ge-tà, chaidh an rathad-iarainn beag ath-fhosgladh leis a’ chompanaidh MRW Railways a tha suidhichte ann an Sasainn agus ruith iad an rathad-iarainn fad dà shamhradh. Bha seo sgoinneil ach cha robh cinnt ann dè cho fada sa mhaireadh seo.
Am-bliadhna, ge-tà, tha an rathad-iarainn air fosgladh a-rithist air stèidh nas tèarainte. Tha a’ bhuidheann shaor-thoileach Friends of Craigtoun Park air grèim fhaighinn air a’ phàirc agus tha iad a’ ruith nan goireasan uile a-nis, an trèana nam measg. (‘S bochd gu bheil aig saor-thoilich ri rudan mar seo a dhèanamh – obair na comhairle a bu chòir a bhith ann.)
Tha an loco tùsail air ais cuideachd. Bha e ann an droch staid ach tha càirdean na pàirce air a chàradh is a sgeadachadh.

An loco tùsail air ais mar as còir is coltas gu math spaideil oirre.
Alasdair