Am paidh macaroni as àirde an Alba– turas gu Srath Spè (1) #gaidhlig

Ged a tha mi a-nis air a dhol air gach rathad-iarainn san lìonra-nàiseanta an Alba, tha loidhne ghlèidhte no dhà agam ri dhèanamh fhathast, nam measg Caledonian Railway, Breichinn agus Rathad-iarainn Baile nan Dubhach is Baile Chè.

Mar sin, chaidh mi fhèin is m’ uncail Derek dhan Ghàidhealtachd Disathairne sa chaidh gus dà loidhne eile air an liosta a dhèanamh: rathad-iarainn Srath Spè agus Rèile-beinne a’ Chàirn Ghuirm.

Thòisich cùisean ann an Sràid na Banrigh ann an Glaschu (GLQ) agus fhuair sinn a’ chiad trèana den latha dhan Aghaidh Mhòr/Agaidh Mhòr (AVM) – cleachdaidh mi an dà chuid oir tha ainm a’ bhaile seo cha mhòr cho connspaideach ri ceist Derry/Londonderry air Doire Chaluim Chille ann an Èirinn a Tuath!

An Aghaidh Mhòr/An Agaidh Mhòr

 

An uair sin, ghlac sinn a’ chiad trèana air Rathad-iarainn Srath Spè aig 10:30m. Tha an loidhne seo gu math fortanach oir tha e stèidhichte san aon stèisean ris an lìonra nàiseanta is mar sin, chan eil agad ri dhèanamh ach coiseachd gu àrd-ùrlar eile gus an trèana smùid fhaighinn. ‘S e rathad-iarann glèidhte gu math mòr is proifeiseanta a tha seo. Tha e còrr is 9 mìle a dh’fhaide agus tha e a’ dol tro sheallaidhean brèagha fhèin, a’ tòiseachadh ann an seann choilltean beithe agus an uair sin a’ dol tro achaidhean torrach le deagh sheallaidhean de bheanntan is lochan.

Stèisean Choit Ghartain

Tha an loidhne a’ ceangal an Aghaidh Mhòr/Agaidh Mhòr ri Coit Ghartain – bailtean meadhanach mòr far a bheil tòrr ann ri dhèanamh agus tha an loidhne ag amas a-nis air Baile nan Granndach. Mar sin, tha e a’ toirt seachad seirbheis còmhdhail gu math feumail airson luchd-turas san fharsaingeachd agus chan ann a-mhàin airson daoine mar mi fhèin a tha dèidheil air trèanaichean.

Mar sin, tha an Srath Spè gu math eadar-dhealaichte bho chuid de na loidhnichean glèidhte far a bheil càr a dhìth ort airson faighinn ann agus far a bheil an loidhne a’ tòiseachadh – agus a’ crìochnachadh – ann an achadh air choireigin fada air falbh bho àite sam bith.

Clas 31, Clas 27 agus Clas 117, Coit Ghartain

Ri leantainn…

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s