Am Paidh Macaroni as àirde an Alba– turas gu Srath Spè (2) #gaidhlig

Às dèidh dhuinn dhol air Rathad-iarainn Srath Spè, ghlac mi fhèin is Derek am bus dhan Chàrn Ghorm (bargan aig dìreach £3.50 airson ticead tillidh) agus sinn a’ dèanamh air Rèile-beinne a’ Chàirn Ghuirm.

Fhuair sinn na tiocaidean againn agus an uair sin, chaidh sinn dhan taigh-bìdh aig bonn na beinne airson lòn far an d’ fhuair mi am paidh macaroni as àirde ann an Alba! (Fhuair Derek an sausage roll as àirde an Alba ach chan eil sin buileach cho cool!)

Haute cuisine na h-Alba

Bha e gu math inntinneach a bhith a’ suidhe sa bhàr a’ coimhead air an luchd-sgithidh is muinntir nam bòrd-sneachda. Abair bling! Chan fhaca mi riamh an uiread de dh’aodach is de dh’uidheamachd daor nam bheatha. Bha connspaid ann mu cho daor sa bha an rèile-beinne nuair a chaidh a thogail an 2001 ach chanainn gun robh na daoine a bha a’ sgitheadh air a’ bheinn air an latha sin a-mhàin air barrachd a chosg air an stuth aca na chosg an rathad-iarainn uile gu lèir.

Rèile-beinne a’ Chàirn Ghuirm

Leam sinn an uair sin air an trèana. Is e rathad-iarainn furnicular a tha seo. Tha e a’ ruith le siostam càbaill – dà chàrabad ceangailte ri chèile le gèidse de 6’6”. Cha robh mi air loidhne mar seo ach aon uair roimhe – Tramffordd y Gogarth/Great Orme Tramway sa Chuimrigh agus shaoil mi gum biodh an tè seo coltach rithe. Bha mi fada ceàrr.  An àite a bhith a’ dol aig mu 5  no 10 mìle san uair, bidh na trèanaichean seo a’ dol aig peilear am beatha – còrr is 20 mìle san uair.

Bha seo a’ faireachdainn gu math luath air an t-slighe suas ach air an turas air ais, bha e na b’ eagalaiche cuideachd – bha e car coltach ri roller coaster. Ged a tha an loidhne air leth cas, cha mhair an turas, a tha 1.1 mìle uile gu lèir, ach ceithir mìonaidean uile gu lèir! Fhuair mi an aon seòrsa cic a-mach as an turas sa fhuair na daoine a thàinig sìos air an cuid skis – agus cha robh agam ris an uiread a chosg air bling!

Fhuair sinn srubag aig a’ chafe, an Tàrmachan agus tha fìor dheagh sheallaidhean rim faicinn de na beanntan agus den Phàirc Nàiseanta san fharsaingeachd.

Chan eil ach aon ghearain agam mun Aghaidh Mhòr/Agaidh Mhòr agus de Chàrn Ghorm – sin nach robh Gàidhlig gu leòr ri faicinn. Bha beagan soidhnichean Gàidhlig an siud ’s an seo ach bha cùisean e air dheireadh air a’ Ghearasdan far a bheil soidhnichean Gàidhlig gu math paillt.

 

Rèile-beinne a’ Chàirn Ghuirm

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s