Saor-làithean mòra nan trèanaichean beaga #gaidhlig

Chan fhada a-nis gus am bi leanabh ùr againn – dìreach mìos a-nis agus mar sin, tha Jenny air a bhith feumach air beagan fois rè saor-làithean na Càisge.

Mar sin, fhad’s a tha Jenny anns an amar is a’ coimhead air an TBh mar as còir, tha mi air a bhith a’ lorg dhòighean gus an tè bheag – agus mi fhèin – a chumail a-mach às an taigh.

Air an adhbhar seo, tha mi air tursan a chur air dòigh leis na rudan as fhèarr leinn: chips, Scooby Doo agus trèanaichean beaga!

Aig tòiseach nan làithean-saora, chaidh an triùir againn air splaoid dhan iar-dheas gus an t-Sròn Reamhar agus gu Baile nan Tràgha gus Rathaidean-iarainn Craigiemains is Pàirc Agnew fhaicinn.

Nighean mhòr no treana bheag?

Latha no dhà às dèidh sin, chaidh mi fhèin is Ciorstag gu Valley International Park ann an Schd Lannraig far a bheil trèana bheag is cluich-bog (soft play) agus far a bheil chips cuideachd rim faighinn. Mar sin, bha an dà chuid Ciorstag bheag agus a h-athair air an dòigh.

Valley International Park, Schd Lannraig

An ath latha, chaidh an dithis againn gu ear-thuath Fhìobha gus latha no dhà a chur seachad ann an Cathair Aile a bharrachd air tursan dhan tràigh is dhan amar snàmh., bha e cuideachd na dheagh chothrom meanbh rathad-iarainn Pàirce Craigtoun an Cill Rìmhinn fhaicinn – agus chips is reòiteag fhaighinn.

Ciorstag an Cill Rìmhinn

Às dèidh oidhche le trì bhideothan Scooby Doo (agus aon bhideo de Mhìcheal Portillo às dèidh dhan tè bheag a dhol dhan leabaidh), dhuisg sinn tràth an ath mhadainn, deiseil is deònach a d hol air turas rèile eile – turas gu Obar Bhrothaig gu Meanbh-rèile Kerr’s, a’ mheanbh rathad-iarainn as sine an Alba.

Meanbh-rèile Kerr’s, Obar Bhrothaig

Chaidh sinn air ais a Ghlaschu Didòmhnaich agus chaidh mi fhèin, Ciorstaidh agus Jenny gu Pàirce Calzium ann an Cill Saidhe. ‘S e oighreachd bhrèagha a th’ ann le gàradh Bhictorianach is tòrr slighean-coiseachd.

Ach a bharrachd air seo – agus cha do dh’innse mi do Jenny mu dheidhinn seo ro làimh– tha Meanbh rathad-iarainn ann, an trac a th’ aig Comann Mhodailean Chair Cheann Tulaich. Cha robh iad a’ ruith air an latha a bha sin ann ach thog mi dealbh no dha den trac agus tha mi am beachd a dhol air ais air an ath latha fosgailte aca.

Meanbh-rèile Colzilum, Cill Saidhe, Schd Dhùn Bhreatain

(Feumaidh gur e ainm Gàidhlig a th’ ann an Colzium – eil beachd aig duine sam bith?)

Tha sinn air a bhith trang leis na rathaidean-iarainn beaga agus chan eil ach glè bheag air fhàgail ri dhèanamh an Alba.

Seo na tha air fhàgail:

  • Rathad-iarainn Aotrom na Gàidhealtachd, Baile an Luig, Baile Chloichrigh, Schd Pheairt
  • Wester Pickston, faisg air Peairt, Schd Pheairt
  • Comrie Railroad, Siorrachd Pheairt (loidhne phìobhaideach nach eil fosgailte ro thric)
  • Pàirce Beveridge ann an Cair Chaladain, Fìobh (chan eil e fosgailte ro thric agus cha b’ urrainn dhomh dad fhaighinn a-mach mu dheidhinn air an eadar-lìon).

Agus seo na rathaidean-iarainn beaga an Alba a rinn mi gu ruige seo:

  • Athfort, Schd Obar Dheadhainn
  • Bo’ness, Lodainn an Iar, Meanbh-rèile ghoirid aig Rathad-iarainn Bo’ness is Cheann Fhàil
  • Craigiemains, Baile na Tràgha, Carraig, Schd Air
  • Craigtoun, Cill Rìmhinn, Fìobh
  • East Links Animal Park, Dùn Barra, Lodainn an Ear
  • Pàirce Agnew, an t-Sròn Reamhar, Gall-Gaidhealaibh
  • Pàirce Barshaw, Pàislig, Schd Rinn Friù
  • Kerr’s Miniature Railway, Obar Bhrothaig, Schd Aonghais
  • Strath Aibhne, Schd Lannraig
  • Valley International Park, Crossford, Schd Lannraig

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s