Trèanaichean beaga – Carson? #gaidhlig

Nuair a bha mi na b’ òige, cha robh ùidh sam bith agam ann am meanbh rathaidean-iarainn. “Cha chanainn rathad-iarainn ri sin”, bhithinn ag ràdh.

Mar inbheach, ge-tà, tha mi air fàs glè dhèidheil air na rathaidean-iarainn beaga.

Pàirc Vogrie, Meadhan Lodainn.

Carson?

Sa chiad dol a-mach, tha cuid aca gu math fada agus a’ toirt seachad seirbheis còmhdhail phoblach cheart mar an Ravenglass & Eskdale ann an Cumbria. Is e fìor rathaidean-iarainn a th’ annta.

Stèisean Dalegarth, Cumbria.

Ravenglass & Eskdale, Sgìre nan Loch, Cumbria.

A bharrachd air seo, às dèidh Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul), tha tòrr cloinne ann nach eil a’ fuireach faisg air loidhne rèile is nach robh riamh air bòrd trèana. Le meanbh-rathaidean iarainn, gheibh iad cothrom a dhol air trèana, cuid aca airson a’ chiad turais riamh agus tha fios gun dèan seo feum air choireigin gus còmhdhail rèile a bhrosnachadh.

Ach ‘s e an adhbhar as cudromaiche gu bheil meanbh rathaidean-iarainn a’ còrdadh rium a chionn ’s gu bheil cothrom agad suidhe ann an carbadan fosgailte, agus cothrom agad a h-uile rud fhaicinn is a chluinntinn is a’ ghaoth a’ dol tro d’fhalt. Tha seo math oir tha cuid de na trèanaichean gu math luath (m.e Rathad-iarainn Kerr’s, Obar Bhrothaig; Ravenglass & Eskdale) agus cuid eile gu math cugallach (Pàirce Barshaw, Pàislig; Valley International Park, Crossford, Schd Lannraig)  is mar sin, tha beagan cunnart ann, rud nach fhaigh thu gu tric air na rathaidean-iarainn mòra san latha a th’ ann.

Meanbh-rèile Pàirc Barshaw, Pàislig

Cugallach: Meanbh-rèile Pàirc Barshaw, Pàislig

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s