Blàr Chill Saidhe #gaidhlig

Bha na sgoiltean dheth Diluain is Dimàirt bho chionn seachdain agus mar sin, bha deagh leisgeul againn a dhol air splaoid rèile eile.

An tòiseach, chaidh sinn gu Meanbh-rèile Shrath Aibhne, Schd Lannraig a Deas Disathairne. ‘S e loidhne bheag ghrinn dhà-ghèidseach a tha seo (7” agus 5”) a tha a’ dol tro chraobhan is preasan agus chòrd e ris an triùir againn glan. Bha Jenny anns an naodhamh mìos de leatromachd aig an àm is mar sin, cha robh e ro fhurasta dhi fhaighinn air bòrd na trèana, ach rinn i a’ chùis air aig a’ cheann thall!

Tha duilleag Facebook aig Meanbh-rèile Shrath Aibhne a-nis is mar sin, tha e furasta a-nis faighinn a-mach cuine a bhios na trèanaichean a’ ruith.

 

Meanbh-rèile Srath Aibhne, Schd Lannraig

Meanbh-rèile Srath Aibhne, Schd Lannraig

An ath latha, rinn sinn air rathad-iarainn nach eil idir cho furasta faighinn a-mach mu dheidhinn: Rathad-iarainn Pàirc Choileum (Colzium) ann an Cill Saidhe, an loidhne aig Comann Innleadairean Modail Chair Cheann Tulaich. ‘S ann an seo a ghabh Blàr Chill Saidhe àite an 1645. Saoil am biodh an rathad-iarainn seo air còrdadh ri Alasdair MacColla cuideachd?

Tha an loidhne bheag annasach seo na cearcall taobh a-muigh pàirc ball-coise agus cha bhi e fosgailte ach latha sa mhìos.

 

Meanbh-rèile Choileum, Cill Saidhe

Meanbh-rèile Choileum, Cill Saidhe

Chaidh sinn ann agus thog sinn dealbh no dhà.

Ciorstag air chuairt!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s