Flickr ùr – cho dona ri MyGaelic.com! #gaidhlig #flickr

Tha fhios agam gum bi rudan ag atharrachadh gu luath anns na meadhanan sòisealta. Chunnaic sinn mar a thachair le Bebo is Myspace is eile – càite a bheil iad a-nis – ach bha rudeigin eadar-dhealaichte mu flickr, an làrach-lìn airson a bhith a’ postadh is a’ co-roinn dhealbhan.

Air flickr, tha cothrom agad do dhealbhan a chur suas, a chur a-steach gu albaman is seataichean, gabhail ann am buidhnean agus beachdan a thoirt seachad air na dealbhan aig daoine eile. Tha fìor spiorad choimhearsnachd ann agus bha susbaint daonnan na bu chudromaiche na coltas na làraich.

Dh’atharraich flickr mo bheatha ann an dòigh. Bho ghabh mi ann an tòiseach ann an 2006, tha mi air a chleachdadh a h-uile latha. Gu dearbha, ghabh mi ùidh ann an togail dhealbhan an tòiseach de threanaichean mar thoradh air an làraich oir bha mi airson ‘s gum biodh cothrom aig daoine na dealbhan fhaicinn, gu sònraichte na dealbhan a thog mi dè rudan nach robh rim faicinn ann an àiteachan eile, lèithid soidhnichean Gàidhlig.

Rinn mi deagh chairdean air flickr, chan e dìreach càirdean air-loidhne ach fìor chàirdean.  Agus chaidh cuid de na dealbhan agam a chleachdadh air làraichean-lìn is leabhraichean rèile is cànain agus bhithinn a’ cleachdadh flickr an dà chuid airson spòrs agus airson m’ obair far am bi mi a’ sgrìobhadh blog.

Dh’atharraich seo gu h-oban bho chionn ghoirid air 20/05/2013 nuair a chuir Yahoo! leis as bheil flickr, coltas gu tùr ùr air an làraich. Thàinig seo mar chlach às an adhair gun rabhadh sam bith.

Tha e dona.

Tha e gu math dona.

Tha e fìor dhona.

Tha flickr ùr a cheart cho dona ri MyGaelic.com!

Seadh, Tha e cho dona sin!

O, agus tha e a cheart cho slaodach cuideachd agus loma làn bugs!

Ni maith liom flickr nua ar chor ar bith!

Chan eil tiotalan no mìneachadh a’ nochdadh an cois nan dealbhan tuilleadh – feumaidh tu dhol nas doimhne airson am fiosrachadh a lorg. Agus chan eil cuideam air albaman no buidhnean mar a bha. Chan eil e idir cho feumail mar inneal-rannnsachaidh airson dealbhan tuillleadh nas motha agus tha coltas ro “thrang” air.

Tha e follaiseach gu bheil lan làrach a-nis ag amas air an t-seòrsa dhealbhan sa bhios daoine a’ cur air Facebook  – peataichean agus daoine a’ dèanamh gaire sa phub. An àite a bhith ag amas air daoine a tha fìor dheidheil air togal dhèalabhan agus deònach pàigheadh airson an làrac a chleachdadhh, tha an làrach a-nis gu bhith saor is an asgaidh is tha e gu bhith ag amas air a h-uile duine.

Ach tha e coltach gu bheil gràin a’ bhàis air cleachdaichean dìcheallach flickr agus tha cunnart ann gum b’ fheàrr le càch cumail orra air Facebook leis na dealbhan cute de phiseagan co-dhiù.

Tha toll mòr nam bheatha is nam chridhe far am b’ àbhaist Flickr a bhith. Chan eil fhios agam am bu chòir dhomh cumail  a’ dol leis no dìreach a dhol gu làrach eile (tha mi a-nis air ipernity.com: http://www.ipernity.com/alasdair.maccaluim).

Tha an strì a’ leantainn, ge-tà, gus flickr ceart fhaighinn air ais. Tha athchuinge ann aig: http://petitions.moveon.org/sign/change-flickr-back?source=c.url&r_by=7904580.

Is beag orm flickr ùr

Beachd Eubha Bheag air a’ chùis

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s