Tramaichean Dhùn Èideann – turas dhan depot #gaidhlig @edinburghtrams

Chaidh mi fhèin is dithis cho-obraiche agam bho Phàrlamaid na h-Alba air turas gu depot nan tramaichean ann an Dùn Èideann Dimàirt is abair gun robh deagh latha againn.

Clì gu deas: Alasdair, Michael, Carolyn

Gaisgich na Pàrlamaid ann an depot nan tramaichean, Gogar

Fhuair sinn cothrom a dhol air bòrd trama, agus an seada is seòmar an CCTV fhaicinn.

Ionnsaich sinn tòrr mun t-siostam ùr:

• Tha an sgioba dòchasach gun ruig na tramaichean Lìte fhathast.

• Tha na tramaichean ans fhaide na trama sam bith eile san RA agus gabhaidh gach trama suas ri 250 neach-siubhail.

• Cha bhi ach aon stad trama ann an Sràid a’ Phrionnsa.

• Tha an siostam 14km uile gu lèir (beagan is 8 mìle).

• Bidh ceanglaichean ann leis an lìonra-rèile aig Margadh an Fheòir, Pàirc Dhùn Èideann agus stèisean ùr ann an Gogar.

• Fosglaidh an siostam san t-Samhradh 2014. Ach bi tramaichean rim faicinn roimhe sin is iad a’ dèanamh deuchainnean air an loidhne.

 

Tramaichean Dhùn Èideann aig baile ann an Gogar

Tramaichean Dhùn Èideann aig baile ann an Gogar

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s