A’ chiad turas trèana aig Eubha #gaidhlig

Rugadh ar nighean bheag Eubha Ròs NicCaluim dà mhìos air ais air 12 Cèitean. Cha do thòisich beatha Eubha le turas trèana, ge-tà, ach le turas ambulance.

Bha e follaiseach anns a’ mhadainn gun robh an leanabh a’ tighinn agus rinn sinn air an ospadal ann an cabhag. Ged a bha Jenny cho cinnteach ri cinnteach gun robh Eubha air an t-slighe, ge-tà, thuirt an t-ospadal gum biodh co dhiù 4 no 5 uairean ann gus an tigeadh i agus chaidh ar cur dhachaigh.

Eubha bheag le Ala;sdair, Ciorstaidh agus Jenny

Mar sin, chaidh sinn air ais dhan taigh agus cha leig mi leas a ràdh dè a thachair an uair sin. Seadh, rugadh am bèibidh air a’ bhrat-ùrlar anns an trannsa aig an taigh! Bha mi an dùil gum biodh agam fhèin ri a lìbhrigeadh ach gu fortanach, nochd an luchd-ambulance mu 5 mionaidean mus d’rugadh Eubha agus ’s mi a bha toilichte am faicinn!
An uair sin, fhuair sinn turas ann an ambulance dhan ospadal. Cha robh sinn ro fhurasta nas motha oir bha 10K nam Bàn a’ dol air adhart aig ceann an rathaid againn.

Eubha is Jenny air a’ Phlatapus Dhealanach (Loidhne Chanàl Phàislig)

Bha a’ chiad turas trèana aig Eubha nuair a bha i mu 7 làithean a dh’aois nuair a chaidh sinn dhan oifis-chlàraidh ann an Glaschu gus a h-ainmeachadh (DUM-GLC – 2 mhìle, 2 shlabhraidh). Tha mi cinnteach gun tèid sinn air tòrr a bharrachd tursan trèana còmhla san àm ri teachd!

An dàrna turas trèana aig Eubha aig Gleann Amain, Baile Dhùnleibhe

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to A’ chiad turas trèana aig Eubha #gaidhlig

  1. Thuirt Sruth a' Chamuis:

    Meal ur naidheachd!!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s