‘Caraid nan Gàidheal’ ann am Pàirce Barshaw #gaidhlig #gaelic

Tha dealbhan a thog mi air nochdadh air corra làrach-lìn mun Ghàidhlig is mu rathaidean-iarainn roimhe.

Bha dealbh no dhà agam ann an irisean is cuairt-litrichean Gàidhlig is rèile cuideachd is chaidh tè no dhà fhoillseachadh fiù’s ann an colbh Gàidhlig an Albannaich. A dh’aindeoin seo, ge-tà, cha robh mi an dùil gum faicinn tè de na dealbhan ann am pàipear naidheachd mòr.

Dh’atharraich sin bho chionn ghoirid nuair a chaidh fios a chur thugam leis a’ phàipear naidheachd ris an canar ‘Caraid nan Gàidheal’ ann an rhyming slang na Gàidhlig.

Seadh, chleachd an Daily Mail dealbh a thog mi. Bha iad ag iarraidh dealbh den rathad-iarainn bheag ann am Pàirce Barshaw ann am Pàislig.

A rèir coltais, chaidh an rathad-iarainn a dhùnadh a chionn ’s nach robh teisteanas ‘slàinte is sàbhailte’ aca tha e coltach nach robh dealbh sam bith eile den rathad-iarainn ri lorg.

Chaidh mo phàigheadh airson na deilbh. Mar a tha fios aig mo chàirdean, chan eil mi idir dèidheil air ‘Caraid nan Gàidheal’ a chionn ’s nach bi mi ag aontachadh riutha uair sam bith air rud sam bith.

Tha seo a’ togail cheist. Dè bu chòir dhomh dèanamh leis an airgead a fhuair mi bhon Daily Mail? A bheil fhios aig duine sam bith a bheil buidheann-carthannais ann a tha a’ toirt taic do dh’in-imrichean a tha nam pàrantan singilte, a tha gèidh, a tha gun obair, a tha am beachd tuath-gaoithe a thogail agus aig a bheil Gàidhlig?

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri ‘Caraid nan Gàidheal’ ann am Pàirce Barshaw #gaidhlig #gaelic

  1. Thuirt Sruth a' Chamuis:

    Meal do naidheachd!

    Dè a dhèanamh ris an t-airgead? Ceannachd pàipear-naidheachd ris a bheil thu a’ tighinn lena bheachd

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s