Còmhdhail cheangailte sna Lochan #gaidhlig

Tha sinn dìreach air tilleadh bho shaor-làithean ann an Cumbria, seachdain ann an Center Parcs Penrith agus an uair sin seachdain eile ann an “Sgìre nan Loch” ann an Ambleside.

Tha tòrr ann an Sgìre nan Loch airson daoine a tha dèidheil air trèanaichean, bàtaichean is busaichean. Tha rathad-iarainn Lakeside is Haverthwaite, Rathad-iarainn Ravensglass is Eskdale agus loidhne àlainn costa Cumbria ann, mar eisimpleir, cho math ri tursan bàta air Windermere, Derwentwater agus Ullswater.

 

Bratach Cumbria

An turas seo,  cha deach sinn ann airson seann bhàtaichean no busaichean a-mhàin ach cuideachd airson còmhdhail phoblach an latha an-diugh oir bha sinn airson a bhith cho uaine sa ghabhas agus dh’fhàg sinn an càr aig a taigh.

Tha deagh sheirbheis bhusaichean ann eadar na prìomh bhailtean ach cuideachd gu bailtean beaga agus gus na prìomh slighean coiseachd. Air cuid de na slighean, mar eisimpleir eadar Keswick is Borrowdale agus eadar Grasmere, Ambleside is Windermere, tha busaichean mullach-fosgailte ann, a tha a’ cordadh glan ris an luchd turais.

Tha na seirbheisean tric is cunbhalach agus tha tiocaidean  latha, tri làithean no seachdain rim faighinn air prìsean reusanta.  A bharrachd air seo,  faodar pramaichean no baidhseagalan a chur air busaichean air a’ mhor-chuid de na slighean. Tha bus-bhaidhg ann cuideachd ann far am faod dhaoine siubhal leis na baidhgean aca.

Mur a robh sin math gu leòr, tha na dràibhearan bus laghach is cleachdte ri bhith dèiligeadh ri luchd-turais craicte mar sin fhèin.

Thòisich an turas againn le bus dealanach gu Cidhe Waterhead ann am Ambleside. Bha am bus sgoinneil seo mar milk-float air steroids!

Milk-float air steroids!

Bus dealanach, Ambleside

Air an ath-latha, chaidh sinn air bus fosgailte gu Grasmere airson srubag.

Air an treas latha, bha sinn deiseil airson turas air an loch is chaidh sinn air Windermere air an stiomar eachdraidheil Swan gu eadar Ambleside agus Lakeside aig ceann a deas an locha.

“Tha eala air an Loch” (mar a chanadh iad ann an t-seann Teach Yourself Gaelic)

‘S e deagh àite a th’ ann an Lakeside oir is e seo far am bi na trèanaichean a’ falbh air Rathad-iarainn Lakeside is Haverthwaite.

Loco smùid a' feitheamh ris an t-siognal, Stèisean Lakeside

Stèisean Lakeside, Rathad-iarainn Lakeside is Haverthwaite

Air an t-slighe air ais, chaidh mi gu Bowness gus an t-seirbheis bus ur do luchd-turais le seann bhus Routemaster ann an Lunnainn fheuchainn.

Alasdair le bus Routemaster

Routemaster aig Stèisean Windermere (WDM)

Chrìochnaich an turas ann an Kendal agus cha b’e ruith ach leum dhomh an uair sin a dhol dhan stèisean gus meur-loidhne Windermere fheuchainn. Tha an loidhne seo a’ tòiseachadh ann an Oxenhome Lake District agus  a’ dol gu Windermere  via Kendal. Ged nach mair an turas ach 10 no 15 mionaidean, tha e a’ dol tro thalamh brèagha fhèin le deagh sheallaidhean de na beanntan rim faicinn.
Aig an a seo, ’s e loidhne shingilte a th’ ann gun lùb sam bith ann as dèidh Beeching is mar sin, chan eil an uiread de thrèanaichean ann sa bu chòir a bhith. Tha e coltach, ge-ta, gun tèid an loidhne gu Windermere a dhealanachadh ann an ùine nach bi ro fhada. ‘S e adhartas a bhiodh ann gun teagamh sam bith ach feumar an loidhne ath-dhùblachadh latha de na làithean.

DMU Clas 185, Stèisean Windermere (WDM)

Aig ceann a tuath Sgìre nan Loch, is e Penrith North Lakes an ceann rèile. Bha rathad-iarainn ann eadar Penrith agus Keswick ach chaidh seo a dhùnadh ann an 1972. Tha buidheann strì ann gus ath-fhosgladh agus tha mi an dòchas gun tèid leotha.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s