Is toil leam a’ Ghàidhealtachd, is toil leam gach Clas 37 #gaidhlig

Le leanabh ùr againn, chan eil mòran tìde agam airson tursan rèile fada aig an àm seo.

Bidh còig mionaidean agam an siud ’s an seo, ge-tà, nuair a bhios Eubha bheag na cadall agus tha mi air a bhith a’ cleachdadh na tìde seo airson coimhead air bhideoan sgoinneil air YouTube de rathaidean-iarainn air a’ Ghàidhealtachd anns na 1980an.

Bhideo 1: Glaschu-An t-Òban/An Gearastan sna 1980an

Nuair a bha mi san sgoil air ais anns na 1980an mu 1986 is 1987 bhithinn a’ dol a-mach gu Stèisean a’ Mheadhain is Stèisean Sràid na Banrighinn ann an Glaschu gu tric airson coimhead air na trèanaichean.

B’ e Sràid na Banrighinn a b’fheàrr leum oir ged a bha e na bu lugha na Stèisean a’ Mheadhain, bhiodh na trèanaichean air loidhne na Gàidhealtachd an Iar a’ tòiseachadh ann. Bhiodh na trèanaichean gu Dùn Èideann is Dùn Dèagh is Obar Dheathain agus air slighean suburbach a’ falbh às an stèisean cuideachd ceart gu leòr ach ’s e na trèanaichean dhan Ghàidhealtachd a b’fheàrr leum.

Bha einnseanan mòra cumhachdach air trèanaichean na Gàidhealtachd a dhèanadh fuaim mhòr do-chreidsinneach. B’ iad seo na Clas 37an. Bha coltas uamhasach snog orra le dathan soilleir agus ainmean Gàidhealach orra cuideachd mar “Loch Rannoch”, “Loch Eil” agus “Loch Long”.

Bhideo 2: An Gearasdan-Malaig sna 1980an.

Cha robh mi riamh air a bhith air a’ Ghàidhealtchd aig an àm sin (cha robh mi riamh ann an àite sam bith ach Glaschu is beagan bhailtean eile ann am meadhan na h-Alba) is cha robh a’ Ghàidhlig idir agam aig an àm agus mar sin, bha na h-àiteachan seo agus na h-ainmean àite orra dìreach cho inntinneach – is cho exotic – sa ghabhas dhomh.

Bhideo 3: Loidhne a’ Chaoil sna 1980an.

A bharrachd air seo, bha cruinn-sneachda air na h-einnseinean seo agus corra uair, thilleadh iad gu Glaschu le sneachd orra – fiù’s nuair nach robh an t-sneachd ann aig deas.

Bha ùidh mhòr agam ann an an Loidhne na Gàidhealtachd an Iar (Glaschu – An t-Òban/An Gearasdan/Malaig), Loidhne a’ Chaol (Inbhir Nis – Caol Loch Aillse) agus Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath (Inbhir Nis – Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa). Bha iad cho fada air falbh agus a’ dol tro thalamh cho inntinneach.

Bhideo 3: Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath

Cha robh cothrom agam a dhol air gin de na loidhnichean Gàidhealach aig an àm ach tha mi air deagh bhideothan a lorg air YouTube de gach loidhne air ais sna 80an.

Nuair a smaoineachas cuid mun Ghàidhealtachd, smaoinichidh iad air na beanntan is na glinn no air fèidh no tartan no a’ Ghàidhlig fhèin no eile, ach dhomhsa, ’s e an Clas 37 an rud as Gàidhealaiche a th’ ann.

Tha cothrom am faicinn fhathast ann an Inbhir Nis agus an Gearastan gu math tric agus tha iad fhathast cho math sa bha iad riamh, ged a tha iad a-nis 50 bliadhna a dh’aois.

Bhideo 4: Stèisean Sràid na Banrigh (GLQ), Glaschu anns na 1980an.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s