Pàirc Alexandra via Lunnainn #gaidhlig #glaschu

Tha Glaschu ainmeil air iomadh adhbhar ach feumar aideachadh nach eil a’ mhòr-chuid ro chàilear: grain-creideimh, mì-chleachdadh deoch-làidir, droch bhiadh, neds agus mar sin air adhart. 

Stereotype 1

Tha e ceart, ge-tà, gu bheil cliù aig a’ bhaile airson a bhith càirdeil agus thathar ag ràdh gum bi daoine nach àithne dhut a’ tighinn thugad is a’ bruidhinn riut air an t-sràid. Chan eil teagamh sam bith nach eil seo fìor ach feumar faighneachd an e deagh rud a th’ ann an da-rìribh. Mar as trice ma bhruidhneas cuideigin rium air an t-sràid an seo, tha an deoch orra, tha trioblaidean slàinte- inntinn orra no tha iad airson faighinn a-mach a bheil thu a’ leantainn Rangers no Celtic gus an toir iad deagh bhreabadh dhut ma bhios an fhreagairt cheàrr agad!

Stereotype 2

Ach ged a bhios mi ag ràdh tòrr droch rudan mun bhaile san deach mo thogailmar fhealla-dha, agus ged nach eil e cho math ri Dùn Èideann nam bheachd, tha tòrr rudan ann mu Bhaile Mòr an Luchd-obrach a tha math. Chan e a-mhàin gur e fìor phrìomh bhaile na Gaidhealtachd a th’ ann (duilich Inbhir Nis), agus prìomh bhaile Thír Chonail (duilich Baile Atha Cliatha!), ach tha tòrr mòr pàircean matha ann cuideachd.

Bha na Bhictorianaich draghail mun truailleadh a bha na factaraidhean ag adhbharachadh agus bha iad den bheachd gun robh bailtean feumach air pàircean. Bha iad a’ faicinn phàircean uaine mar sgamhanan dhan bhaile agus tha tòrr a bharrachd phàircean ann an Glaschu na ann an cathair sam bith eile ann an Alba.

Tha tòrr phàircean mòra, mòra ann mar Bhaile Huistean, Pollaig, Bhictoria, Alexandra, Allt an Fhuarain, Pàirce Maxwell, Tollcross, Hogganfield, Pàirc na Banrigh, Kelvingrove, na Botanics is eile. Tha na ficheadan de phàircean nas lugha ann cuideachd. Tha iad air feadh na cathrach – tuath is deas, iar is ear, sgìrean beartach is sgìrean bochda.

Agus nas fheàrr na sin, tha tòrr aca ceangailte ris an lìonra rèile!

Nam measg, tha Pàirce Alexandra, pàirce Bhictorianach a tha suidhichte ann an cridhe ceann an ear a bhaile agus tha ri taobh stèisean Pàiread Alexandra (AXP).

Pàirc Alexandra

Pàirc Alexandra

Tha mi eòlach gu leòr air taobh an ear a bhaile oir bha mo mhathair na dotair teaghlaich sa cheàrnaidh sin is dh’fhàs mi gu math eòlach air Easterhouse, Ruchazie, Carntyne, Cranhill, Shettleston, Brigton, Dennistoun, Parkheid is eile nuair a bhithinn a’ dol a-mach sa chàr còmhla rithe agus i a-mach air na calls aice.

Airson adhbhar air choireigin, ge-tà, chan eil mi a’ smaoineachadh gun robh mi riamh ann am Pàirce Alexandra, fear de na pàircean as motha sa bhaile. Mar sin, cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol air an trèana air Meur-loidhne Allt an Fhuarain gu Pàiread Alexandra an latha roimhe nuair a bha mi airson a dhol air cuairt le Eubha bheag againn.

Cha do thòisich cùisean ro mhath, ge-tà. Chaidh mi dhan stèisean agus sgrìobh mi Alexandra air an inneal. Phut mi an uair sin air Alexandra Palace (Lunnainn)- an àite Alexandra Parade (Glaschu)- gun fhiosda dhomh agus chuir e iongnadh mòr orm nuair a nochd a’ phrìs – £170.

Chuir mi cùisean ceart ge-tà, agus bha an tiocaid £167.50 na bu shaoire aig a’ cheann thall agus mar sin, bha airgead gu leòr agam airson cofaidh aig Stèisean Sràid na Banrigh!

Pàiread Alexandra, dìreach 395 mìle air falbh bho Alexandra Palace

‘S e loidhne annasach a th’ ann am Meur-loidhne Allt an Fhuarain (Bellgrove-Sràid an Diùic-Cnoc an t-Sabhail-Allt an Fhuarain). Mar as trice, tha na trèanaichean cho falamh ri sporan an Sgitheanaich, dhan ìre is nach bi fiù’s ticket checkers orra.

Thàinig sinn far na trèana aig Pàiread Alexandra agus rinn sinn air a’ phàirc. A-rithist, chaidh a dhearbhadh gum bi muinntir Ghlaschu a’ bruidhinn riut oir thàinig fear òg thugam is thuirt e “an toir thu dhomh 20p son crogan leanna?”. Cha mhòr nach tuirt mi “Seo dhut £1 slan, am faigh thu ceithir dhomhsa cuideachd!”. Boom boom…

‘S e deagh phàirc a th’ ann le tunnagan is gàraidhean Bhictorianach òrdaichte ach tha cnoc ann cuideachd a tha àrd os cionn a’ bhaile far a bheil craobhan is feur fada far am faigh thu deagh shealladh den taobh an ear air fad, nam measg annasan mar Provan Gasworks agus na Gallogate Twins (no na Divis Flats mar a th’ agam orra).

Na Gallowgate Twins (Na Divis Flats mar a th’ agam orra), na toglaichean as àirde ann an Alba.

Tha am pàirc air a cuairteachadh le bailtean àrda is rathaidean tranga is tha i tòrr, tòrr nas motha na shaoileadh tu bhon taobh a-muigh.

Chòrd an turas ruinn glan agus tha mi a’ planadh turas gu Pàirc Allt an Fhuarain mar-thà.

 

Ionad-gas Provan agus na Red Road Flats

Ionad-gas Provan agus na Red Road Flats

 

An turas: DUM-GLC, GLQ-AXP, AXP-GLQ, GLC-DUM.

Mìltean rèile: 8m 46s

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Pàirc Alexandra via Lunnainn #gaidhlig #glaschu

  1. Thuirt Steaphan:

    Cunntas inntinneach! Tha e follaiseach gu bheil thu gu math eòlach air an àite.

    'S toil

  2. Thuirt Seona Mac an t-Saoir:

    Tha Glaschu ceud uair nas fhearr na Dun Eideann – a thaobh blaths nan daoine, a thaobh taighean-seinnse, rudan ri dheanamh, ealain – ceol, clubaichean, agus iomadach rud eile.

    Tha torr stereotypes a dh’fhaodadh tu a chur air adhart mu dheidhinn Dun Eideann.

    Siuthad! Stereotypes Dhun Eideann, ma ‘s e d’ thoil!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s