Cho Albannach ri Siorrachd Pheairt – Rathad-iarainn Aotrom na Gaidhealtachd #gaidhlig

Chaidh an ceathrar againn air splaoid sgoinneil gu Garbh-chrìochan Pheairt aig deireadh na seachdain gus rathad-iarainn beag ùr fhaicinn: Rathad-iarainn Aotrom na Gaidhealtachd ann an Lag an Ràtha (Logierait). 

Tha mi air leth dèidheil air an sgìre oir b’ àbhaist dhomh a bhith ag obair aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois mar oifigear leasachaidh Gàidhlig bho chionn fhada air an t-saoghail agus dh’fhàs mi gu math eòlach air an àite.

‘S e latha cudromach a bha seo dhuinn cuideachd,  oir b’ e seo a’ chiad turas aig bèibidh Eubha dhan Ghàidhealtachd.

Tha Rathad-iarainn Aotrom na Gaidhealtachd suidhichte air Railway Farm, dìreach taobh a-muigh Lag an Ràtha agus gu math faisg air Baile an Luig cuideachd. Tha an rathad-iarainn ga chleachdadh leis an tuathanas airson bathair ach tha e cuideachd fosgailte dhan phoball turas sa mhìos nuair a bhios margadh tuathanaich ga chumail ann an Tuathanas an Rathaid-iarainn far am bi deagh bhiadh is bhathar à Siorrachd Pheairt ri fhaighinn.

Rathad-iarainn Aotrom na Gàidhealtachd

Rathad-iarainn Aotrom na Gàidhealtachd

Tha an loidhne a’ tòiseachadh aig sabhal mòr agus a dol gu tuath ann an loidhne dhìreach airson greis. Tha i an uair sin a’ dol timcheall air achadh ann an lùb is a’ dol air ais. Mairidh an turas mu 10 mionaidean uile gu lèir agus chithear deagh sheallaidhean ann.

Ged a bhios trèanaichean a’ ruith dhan phoball, tha e follaiseach gum bi an rathad-iarainn ga chleachdadh airson obair cheart agus tha e a’ toirt dhut  deagh bhlas de na rathaidean-iarainn beaga a bha cumanta gu leòr air tuathanasan is air a’ bhlàr-mòine uair.

Tha e coltach gu bheil planaichean leasachaidh aig an loidhne oir tha dà sheata stiùiridhean (points) ann far an gabhadh an rathad-iarainn a’ leudachadh tro achadh eile agus gu prìomh gheata an tuathanais.

Chaidh sinn ann sa chàr oir bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e ro dhoirbh siubhal ann bhon stèisean as fhaisge ann am Baile Chloichridh.  Bha mi ceàrr. Fhuair mi a-mach bhon uair sin gum bi am bus eadar Baile Chloichridh is Obar Pheallaidh a’ stad cha mhòr aig a’ gheata.

Nam bithinn air a dhol ann ro Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul), ge-tà,  b’urrainn dhuinn a bhith air an trèana a ghabhail gu stèisean Bhaile an Luig air prìomh-loidhne na Gaidhealtachd a bha cuideachd na cheann-rèile airson meur-loidhne Obar Pheallaidh.

Seo mapa a rinn mi air cuid de na rathaidean-iarainn agus stèiseanan as cudromaiche ann an Siorrachd Pheairt.

Cuid den lìonra-rèile ann an Siorrachd Pheairt ron Dr Olc Beeching, (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).

Chaidh sinn air ais a Ghlaschu tro Obar Pheallaidh, Cill Fhinn agus a’ Chrìon-làraich. A-rithist, nam bitheamaid air seo a dhèanamh aig toiseach na 60an, b’urrainn dhuinn a bhith air an trèana a ghabhail gu Obar Pheallaidh, stiomair air Loch Tatha agus an trèana dhachaidh taobh Chill Fhinn agus a’ Chrìon-làraich agus an uair sin gu deas air Loidhne  na Gaidhealtachd an Iar.

Rinn Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul) sgrios olc ann an iomadh àite ach bha na rinn e an Siorrachd Pheairt gu sònraichte dona oir dh’fhàg e iomadh baile cudromach far an lìonra rèile, a’ gabhail a-steach Craoibh is Calasraid cho math ri iomadh coimhearsnachd iomallach a bha feumach fhèin air ceangal-rèile. Nam biodh lèirsinn sam bith aig an Dr Olc, agus aig an riaghaltas, bhiodh iad air tuigsinn cho mòr sa bhiodh turasachd san sgìre san am ri teachd agus cho cudromach sa bha rathaidean-iarainn dhan eaconomaidh.

An suidheachadh às dèidh Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul)

Ach gus an tig cruth atharrachadh air poileasaidhean riaghaltais, cha bhi againn ach mile de rathad-iarainn againn, meanbh-rathad iarann air tuathanas, eadar Baile Chloichridh is Raineach agus fàsach còmhdhail againn tron chuid as motha den t-Siorrachd as motha (agus as fhèarr!) an Alba. Bochd dha-rìreabh.

Alasdair

p.s – saorsa do Shiorrachd Cheann Rois!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Cho Albannach ri Siorrachd Pheairt – Rathad-iarainn Aotrom na Gaidhealtachd #gaidhlig

  1. Thuirt DJ:

    Never mind the treanaichean! Carson a tha thu an aghaidh Glaschu? Tha thu as an aite, ach tha thu air a dhol ‘bourgeoise’! Seall na ‘thugs’ seo a Dun Eideann – ann an 2013! Thainig iad gu Glaschu, agus rinn iad milleadh uamhasach anns an steisean-reile againn:

    Lee Duffy, 42, from Musselburgh, and John McGeever. 40, from Edinburgh – 300 hours of unpaid community work and two-year football bans.

    Ryan Low, 25, from Edinburgh – tagged for 100 days, 300 hours of unpaid work and a two-year football ban.

    Alexander Cockburn, 42, from Edinburgh – 300 hours of unpaid work and a two-year football ban.

    Leon Walker, 28, from Edinburgh – 300 hours of unpaid work and a 30-month football ban.

    James Clark, 27, from West Linton, Mark Connerton, 32, from Inverkeithing, and Paul Donoghue, 28, Keith Manson, 42, and Craig Nisbet, 41, all Edinburgh – 300 hours of unpaid work and two-year bans.


    Siuthad. Sin agad Dun Eideann dhut gu h-ard. Chan ei thu a’ bruidhinn air a sin idir! Steisean-reile – treanaichean – le muinntir Dhun Eideann a’ deanamh milleadh. Amadainn.

    'S toil

  2. Taing a charaid! Tha mi uabhasach deidheil air Glaschu agus gu dearbha, tha mi a’ fuireach ann. Is fheàrr leum Dùn Èideann ach chan eil dad ceàrr air Glaschu idir. Ach a thaobh nan daoine air a bheil thu a-mach, chanainn gur e am ball coise is coireach is chan ann cò às a tha iad!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s