Air ais dhan àm ri teachd – beatha an anaraig anns na 1980an #gaidhlig

B’ àbhaist dhomh a bhith nam spotar thrèanaichean air ais anns na 1980an nuair a bha mi ann an clas 7 sa bhun-sgoil is clas 1 is 2 san àrd-sgoil.

Eadar 1985 is 1988, bhithinn a’ cur seachad uairean a thìde air an drochaid rèile eadar Stepps is Cardowan (Cathair Daraich?) le mo chàirdean Colin Baird is Allan Hales. Bhiomaid a’ dol cuideachd dhan t-seann stèisean ann an Stepps a bha dùinte aig an àm sin ach a chaidh fhosgladh às ùr ann an 1989.

Clas 120 ann an Stèisean a' Mheadhain, 1986.

Clas 120 ann an Stèisean a’ Mheadhain, 1986.

Ann an Stepps, chitheadh tu iom-aonadan (DMUs) Clas 101 air an t-slighe eadar Comar nan Allt is Glaschu agus gu leòr trèanaichean bathair, gu tric le Clas 26an, Clas 27an is 37an.

Às dèidh greis, cha robh sin math gu leòr dhuinn agus uaireannan bhiomaid a’ dol air a’ bhaidhg dhan Leanaidh (Lenzie) air an rathad lùbach cas a b’ àbhaist a bhith ann bho Stepps.

An sin, chitheadh tu na trèanaichean ‘put-slaod’ eadar Glaschu is Dùn Èideann le Clas 47an agus gu leòr iom-aonadan Clas 101 dhan Eaglais Bhric is Sruighlea is àiteachan mar sin.

Nuair a bha mi rud beag na bu shìne, bhiomaid a’ dol a-staigh gu Glaschu air a’ bhus airson a dhol air binge-thrèanaichean. Bhiomaid a’ dol air an t-subway airson dà làn chuairt den t-siostam cha mhòr gach Disathairne is chunnaic sinn gach trèana subway a bh’ ann.

Turas gu depot Subway Ghlaschu, 1987

Turas gu depot Subway Ghlaschu, Baile a’ Ghobhainn 1987

Às dèidh sin, bhiomaid a’ dol gu Sràid na Banrighinn is Stèisean a’ Mheadhain, uaireannan a’ siubhail eatorra tòrr mòr thursan air an aon latha air a’ bhus shònraichte aig Strathclyde Transport a bha gan ceangail ri chèile.

Aig àm lòn, bhiomaid a’ dol gu Casey Jones Burgers ann an Stèisean a’ Mheadhain (far a bheil Burger King a-nis) agus gu John Menzies, nan robh an t-airgead againn, airson “Modern Railways” a cheannach.

Thòisich mi air dealbhan a thogail aig an àm seo le camara beag 110 an toiseach agus an uair sin le camara disk – eil cuimhne agad orra?

Aig deireadh an latha, bhiodh ceann goirt orm oir bha Sràid na Banrighinn cho loma làn smùid diesel sna làithean sin. Feumaidh gun robh ìre a’ charboin aon-ogsaid gu math gu math àrd an sin!

Bha Motive Power Handbook againn, leabhar leis an àireamh aig gach loco, DMU, EMU agus coidse aig BR. Bhiomaid a’ sgrìobhadh sìos àireamhan nan trèanaichean air pìos pàipeir aig an stèisean agus an uair sin a’ dol dhachaigh agus a’ cur loidhne fo na h-àireamhan san leabhar. Cha robh rud sam bith san t-saoghal a’ còrdadh rium cho mòr ri bhith a’ suidhe sìos aig an taigh air beulaibh an TBh agus a’ dèanamh sin. Tha an leabhar agam bho 1986 fhathast agus tha e a’ blàthachadh mo chridhe fhathast a bhith a’ coimhead air.

Aig an àm sin, bha gu leòr trainspotters òga fhathast ann. Chitheadh tu gu leòr dhaoine eile aig ceann nan àrd-ùrlaran aig Sràid na Banrighinn is Stèisean a’ Mheadhain – rud nach fhaic thu idir an-diugh.

Bha mi a’ smaoineachadh air ais air na làithean sona sin bho chionn ghoirid agus bhuail aon rud annasach orm. Cha deach sin air gin de na trèanaichean riamh!

Ann an dòigh, chan eil e cho neònach sin oir thogadh sinn ann am baile (Stepps) aig nach robh ceangal rèile idir aig an àm sin agus bhiomaid a’ dol dhan a h-uile àite ann an càraichean ar pàrantan.

Ach chan eil mi a’ tuigsinn idir carson nach do smaoinich sinn riamh air turas a ghabhail gu, can, Inbhir Air an Leargaidh Ghallda no Pàislig no air cearcall Cathcart no dad mar sin. Cha robh e cho daor no doirbh. Tha mi a’ smaoineachadh gur e an fhreagairt gun robh an t-eagal orm ro bhith a’ dèanamh rudan ùra agus nach robh cus initiative agam aig an àm sin.

Clas 120, Stèisean a' Mheadhain, Glaschu, 1986

Clas 120, Stèisean a’ Mheadhain, Glaschu, 1986

Chaill mi ùidh ann an trèanaichean aig deireadh nan 1980an oir thog mi ùidh ann an ceòl agus bha m’ eanchainn ro làn mheatailt – agus smaointean mu nigheanan – airson a bhith a’ smaoineachadh air rud sam bith eile.

Aig deireadh nan 1990an, ge-tà, thog mi ùidh ann an trèanaichean às ùr agus bho na 2000an a-mach tha mi air a bhith beò glaicte leotha.

Ach ged a tha trèanaichean fhathast a’ toirt dhomh tlachd, chan ann tric a tha mi cho toilichte sa bha mi air ais ann an 1986 nuair a bhithinn a’ suidhe sìos is a’ sgrìobhadh àireamhan nan trèanaichean sìos san leabhar.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Subway Ghlaschu. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s