A’ dol fo -thalamh! Turas air Subway Ghlaschu agus taobh dorcha a’ bhaile #gaidhlig

Chaidh mi air turas air Subway Ghlaschu an-diugh. Chan e rud neo-àbhaisteach a tha seo idir ach bha eadar-dhealachadh ann an-diugh – bha camara agam!

Bha connspaid ann an-uiridh nuair a dh’fheuch Subway Ghlaschu ri casg a chur air togail dhealbhan.

Cha robh dealbhadairean idir toilichte le seo agus cha robh luchd-poilitigs nas motha agus mu dheireadh, chuir an Subway stiùireadh a-mach ag ràdh gun robh iad a’ cur fàilte air camarathan.

Mar sin, cha b’ e ruith ach leam dhomh nuair a fhuair mi fios bho mo charaid Linden Pentecost ann an Cumbria (agus aig a bheil Gàidhlig na h-Alba agus Gaeilge go leór fosta cho math ri eòlas farsaing air na cànanan Lochlannach) gun robh e ‘ tighinn a Ghlaschu airson dealbh mo dhà a thogail den fho-thalamh.

Stèisean Bhaile Ghobhainn

Stèisean Bhaile Ghobhainn

Chaidh sinn gu St Enoch an toiseach agus chaidh sinn an uair sin gu Baile Ghobhainn is Sràid na Drochaide airson dealbhan a thogail.

Ged a tha e a-nis ceadaichte dealbhan a thogail, bha sinn caran draghail gun cuireadh luchd-obrach an t-Subway stad oirnn ach cha do chuir duine sam bith dragh sam bith oirnn.

Stèisean Bhaile Ghobhainn

Stèisean Bhaile Ghobhainn

‘S e deagh àm a th’ann a bhith a’ togail dhealbhan air an t-Subway oir thathar a’ sgeadachadh nan stèiseanan aig an àm seo agus chan fhada gus am bi iad a’ faighinn trèanaichean ùra gun dràibhear.

Agus às dèidh thuras fhan U-bahn, chaidh sinn dhan s-bahn aig Sràid na Banrighinn (Ìre Ìosail) gus dealbh no dhà eile a thogail.

Dà threana ann am Baile Ghobhainn

Dà threana ann am Baile Ghobhainn

Nis, thuirt leughadair no dhà sa bhloga seo gun robh mi ro chruaidh air Glaschu anns a’ phìos a sgrìobh mi bho chionn ghoirid agus gun robh mi ceàrr a bhith ag ràdh gu bheil Dùn Èideann nas fheàrr.

A-rithist, tha mi uabhasach fhèin dèidheil air Glaschu, baile mo bhreith agus gu dearbh, am baile anns a’ bheil mi a’ fuireach. Ach seo rud no dhà a chunnaic mi an-diugh an Glaschu nach fhaca mi riamh an Dùn Èideann.

Air ar an t-slighe gu Stèisean a’ Mheadhan an-diugh, mi fhèin is Jenny is Ciorstag (7) agus am bèibidh, chunnaic sinn mu 6 junkies ann an Sràid Ghòrdain a bha trod ri chèile gu h-àrd is a’ cur dragh air daoine. Fìor junkies le coltas chnàmhaich orra is gun mòran fhiaclan eatorra agus craiceann an cuid aodannan coltach ri leathair. Seo a’ chiad sràid a chì cha mhòr a h-uile duine a thig gu Glaschu air an trèana. Fàilte gu Alba a luchd-gnìomhachais is luchd-turais – Scotland with Style gu dearbh!

Agus nuair a ràinig sinn an stèisean, bha buidheann de luchd-leantainn Celtic faisg air an doras a bha air an dalladh leis an deoch agus a bha a’ trod ri chèile agus a’ rollaigeadh mun cuairt air an làr. An uair sin, thàinig buidheann luchd-leanntainn Rangers agus thòisich iad air trod le muinntir Celtic agus a’ cleachdadh droch ghràin-chinnidh gus an deach iad uile a chur a-mach às an stèisean leis a’ phoileas.

Thachair seo uile aig 5f agus chan ann air an oidhche!

Nis, chan eil mi ag ràdh nach eil junkies ann an Dùn Èideann no nach eil cuid den luchd-leantainn ball-coise an sin amaideach cuideachd ach chan fhaca mi riamh e ann an Stèisean Waverley no ann am meadhan a’ bhaile mar sin. Tha Glaschu sgoinneil ach tha taobh dorcha ann agus tha an taobh sin an dà chuid nas miosa as nas fhoillsiche na tha e an Dùn Èideann.
Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, Subway Ghlaschu. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s