Tramaichean Dhùn Èideann – cuiribh a’ Ghàidhlig air bòrd! #gaidhlig #edinburghtrams

Tha mo charaid Craig Cockburn air iomairt a thòiseachadh gus soidhnichean dà-chànanach fhaighinn air na stèiseanan trama air siostam trama ùr Dhùn Èideann.

A rèir coltais, tha Tramaichean Dhùn Èideann airson soidhnichean aona-chànanach a chur suas eu-coltach ris an fheadhainn dà-chànanach air na stèiseanan rèile aig ScotRail.

Trama aig Stèisean Gogar

 

Tha mi air sgrìobhadh gu tramaichean Dhùn Èideann ag iarraidh soidhnichean Gaidhlig cuideachd agus mar as motha de dhaoine eile a sgrìobhas a-steach, ‘s ann as fheàrr. Pinn a-mach a chàirdean!

Fios gu: twitter – @edinburgh trams, post-d: – trams@edinburgh.gov.uk

Sin an droch naidheachd. ‘S e an deagh naidheachd gu bheil tramaichean a-nis a’ ruith air seirbheisean deuchainn eadar Port Adhair Dhùn Èideann agus Pàirc Dhùn Èideann. Mar sin, ged nach bi an siostam a’ fosgladh dhan Chèitean an ath bhliadhna, tha deagh chothrom am faicinn san eadar-ama.

Agus tha doughnuts rim faighinn faisg air na tramaichean cuideachd! Seo na tramaraks òga agam.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s